Dùbhlan plastaig air croitean Uibhist

Bèilichean silage Image copyright Philip Halling / Geograph
Image caption Tha aig croitearan ri cuidhteas fhaighinn de chnap mhòr phlastaig far nam bèilichean silage gach bliadhna.

Tha croitearan ann an Uibhist a' coimhead air dòigh air dèiligeadh ris a' chòmhdach phlastaig a tha air na beileachan silage.

B'àbhaist dhaibh, nuair a bha iad air a thoirt far a' bhèile, a bhith ga chur ann an sgiobaichean na comhairle.

Ach bho sguir an t-seirbheis sin chan eil fhios dè nì iad leis, agus e mì-laghail stuth plastaig a losgadh.

Tha Comann Àiteachais Uibhist a Tuath air aontachadh coimhead ris a' chùis, feuch an gabh dad dèanamh mu dheidhinn.

Tìr Mòr

"Suas chun an-uiridh, bha na sgiobaichean aig a' Chomhairle ann an sgìrean agus iad fosgailte," thuirt Cathraiche a' Chomainn Àiteachais, Anna NicIllFhialain.

"Ged a bha iad airson sgudail a bha a' tighinn à dachaighean, bha daoine gan cleachdadh airson stuth o chroitean, ged nach robh còir dha-rìribh aca sin a dhèanamh.

"A-nis tha sgiobaichean na Comhairle dùinte agus chan fhaod daoine plastaig mar seo a chur annta air sàilleabh 's gu bheil e clàraichte mar sgudail choimearsalta.

"Ach faodaidh daoine sgudail mar seo a thoirt chun na làraich cladhaich - ach tha cosgais an lùib sin airson cuidhteas fhaighinn dheth.

"Tha sinn a' coimhead air dòighean eile. Tha diofar chompanaidhean air Tìr Mòr a tha a' gabhail an stuth a tha seo agus bidh iad ga ath-chuairteachadh, a' dèanamh rudan plastaig dheth.

"Ach an duilgheadas a th' againn sna h-Eileanan, 's e sin a thoirt air falbh gu Tìr Mòr.

"Ach tha sinn a' coimhead ri sin, nam biodh seòrsa sgeama far am biodh na croitearan ag obair còmhla airson am plastaig seo a chruinneachadh.

"Plastaig eile cuideachd, leithid nam pocannan plastaig a bhiodh aca airson todhair. Ghabhadh sin uile cruinneachadh agus a thoirt air falbh," thuirt i.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile