A' giollachd muice-mara ann an South Georgia
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Sealgairean nam Mucan-mara

7 Am Màrt 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tha 50 bliadhna ann bho chuir Breatann cùl ri gnìomhachas a b'àbhaist a bhith a' cumail cosnaidh ri mòran Ghàidheal - sealg na muice-mara.

'S iomadh eileanach a chaidh fhastadh leis a' chompanaidh, Christian Salvesen ann an Dùn Èideann, 's iad a' dol gu South Georgia mar shealgairean agus luchd-giollachd.

Tha na h-uidhir fhathast air fhàgail sna h-Eileanan a bha an sàs anns a' ghnìomhachas seo, agus fhuair Ruaraidh Rothach facal air dithis dhiubh.

Dh'fhaodadh cuid de na dealbhan a leannas a bhith car deuchainneach.