Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

7 Am Màrt 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Bancaichean

Dh'iarr Banca Rìoghail na h-Alba, Natwest agus Banca Uladh, air luchd-cleachdaidh an leisgeul a ghabhail airson trioblaid choimpiutair a dh'fhàg mòran dhaoine gun chomas airgead a tharraing no a chur a-steach do na bancaichean sin airson ùine an-raoir. Thachair an aon rud anns an Ògmhios an-uiridh, agus ceithir là ann mus deach cùisean a chur ceart.

Peinsean na Stàite

Tha sgioba sgrùdaidh eaconamach a' dèanamh tomhais do Riaghaltas na h-Alba air na chosgadh peinsean na stàite do dh'Alba neo-eisimeilich. Tha an Riaghaltas a' dol às àicheadh gu bheil iad a' beachdachadh air peinseannan a ghearradh. Tha ceannard nan Libearalach Deamocratach an Alba, Uilleam Rennie, ag ràdh gum feum an SNP an fhìrinn innse mu na planaichean aca.

Vince Cable

Thuirt Rùnaire a' Ghnothachais, Vince Cable, nach bu chòir cus suime a chur na bhriathran ann an iris magaisin anns an tuirt e gum bu chòir do Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte tuilleadh airgid a ghabhail air iasad airson phròiseactan bun-structair. Thuirt Mgr Cable gu bheil esan a' cur a làn-thaic ris an dòigh anns a bheil an Riaghaltas a' dèiligeadh ris an eaconamaidh. Nì Dàibhidh Camshron òraid an-diugh ag ràdh gu bhiel corra chomharra ann gu bheil straiteididh an Riaghaltais ag obair.

Feòil Ghiollaichte

Tha rannsachadh ùr ag ràdh gu bheil dha-rìribh cus de dh'fheòil a th' air a giollachd dona do shlàinte. Tha rannsachadh air leth-mhillean duine air feadh na h-Eòrpa, ag ràdh gu bheil giollachd na feòla ann an rudan mar isbeannan hama agus burguran, a' toirt bàs tràth do mu thriùir anns gach ceud.

Càrlabhagh

Tha dòchas ann gun gluais oidhirp air Oighreachd Chàrlabhaigh ann an Leòdhas a cheannach dhan choimhearsnachd air adhart a dh'aithghearr nuair a thèid companaidh neo-eisimeileach fhastadh airson sgrùdadh air na planaichean. Cuiridh a' bhuidheann-stiùiridh a th' air cùl ghnothaich iarrtas gu Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean an ath-sheachdain airson taic-airgid dhan sgrùdadh sin.

Mèirle Chaorach

Tha Poilis a' rannsachadh mèirle air 78 caora aig tuathanas aig Closeburn faisg air Dùn Phris. Bha luach £14,000 anns na caoraich mule, agus uan anns a' h-uile beathach dhiubh.