Ealain Leverhulme a' tighinn a Leòdhas?
- Air fhoillseachadh

Tha obair-càraidh a' dol air adhart air a' chaisteal an-dràsta.
Dh'fhaodadh gun till pàirt de chruinneachadh ealain a' Mhorair Leverhulme air ais dha na h-Eileanan an Iar.
Tha obair a' dol faic am faod iad tighinn air iasad gu Caisteil Leòdhais, airson fosgladh oifigeil a' chaisteil nuair a bhios e deiseil.
Tha obair-càraidh luach £13m a' dol air adhart air a' chaisteil fhèin an-dràsta gus a dhèanamh na thaigh-òsta agus taigh-tasgaidh.
B'e Caisteal Leòdhais dachaigh a' Mhorair Leverhulme nuair a bha e na uachdaran air Leòdhas is na Hearadh anns na 1920an.