Ionad bhùithtean an Eastgate air a reic
- Air fhoillseachadh
Tùs an deilbh, Kenneth Allen/Geograph
Thogadh an t-ionad o chionn 30 bliadhna.
Gheall a' chompanaidh F&C REIT obrachadh gu dlùth còmhla ris a' choimhearsnachd feuch am bi ionad bhùithtean an Eastgate a' coileanadh fheumalachdan luchd-ceannaich san àm ri teachd.
Tha e air tighinn am bàrr gun do cheannaich a' chompanaidh an t-ionad bhon chompanaidh in-ionmhais Grosvenor air prìs £250m an t-seachdain seo chaidh.
Chaidh an t-ionad a thogail o chionn 30 bliadhna, agus tha a-nis deich bliadhna bho chaidh an dàrna pàirt dheth fhosgladh.
B' e a' bhuidhinn Royal and Sun Alliance a thog an t-ionad an toiseach.
Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil
Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh