Leudachadh aig Muilleann Chàrlabhaigh

Beart
Image caption Thèid togalach eile a chur ris an ionad ann an Càrlabhagh.

Tha dòchas ann gum bi obair a bharrachd do bhreabaidearan sna mìosan ri teachd às dèidh do Mhuilinn Chàrlabhaigh ann an Leòdhas a dhol an co-bhanntachd le companaidh mhòir Shìnich.

Tha Shandong Ruyi a' reic ri còrr agus 50 dùthaich agus bheir an co-obrachadh cothrom don mhuilinn an gnìomhachas aca a leasachadh gu mòr.

"Tha dùil againn togalach eile a chur a-mach co-dhiù, agus innealan ùra fhaighinn," thuirt Stiùiriche deasachaidh a' chlò sa mhuilinn, Seòras MacArtair.

"Tha sinn an dòchas gum faigh sinn air an obair a dhèanamh beagan nas cleabhaire a-nis.

"Cuiridh e an-àirde am meud a chruthaicheas sinn pìos math.

"Tha sinn an dòchas, nuair a thig a h-uile càil gu ceann, gum bi tòrr a bharrachd dhaoine ag obair an seo, 's ma bhitheas, feumaidh sinn barrachd bhreabadairean.

"Chan urrainn dhut cantainn ach gun dèan e feum," thuirt e.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile