Cùis a' Chamais Mhòir aig Cùirt an t-Seisein

  • Air fhoillseachadh
An Camas Mòr (Dealbh: Ùghdarras Pàirce Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh)Tùs an deilbh, Other
Fo-thiotal an deilbh,
Chuireadh am plana air adhart an toiseach ann an 1989.

Thèid plana airson baile ùr a thogail ann am Pàirce Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh air beulaibh Cùirt an t-Seisein Dimàirt.

Tha am plana airson 1,500 taigh anns a' Chamas Mhòr faisg air an Aghaidh Mhòir air tòrr connspaid adhbhrachadh.

Tha feadhainn a tha a' strì na aghaidh ag ràdh nach deach measadh ceart a dhèanamh air an t-seòrsa buaidhe a bheireadh na taighean ùra air fiadh-bheatha na sgìre.

Tha Ùghdarras Pàirce Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh ag ràdh gun tèid measadh a dhèanamh nas fhaide air adhart sa ghnothach.

Iomairt na Aghaidh

'S fhada a tha an gnothach air leantainn, agus luchd-leasachaidh agus comhairlaichean coimhearsnachd air a bhith a' bruidhinn air a' bhaile ùr bho chionn còrr air 20 bliadhna.

Bha sgrùdadh dealbhachaidh ann, ann an 1994, agus a-rithist ann an 1997.

'S e Comhairle na Gàidhealtachd, còmhla ri Iain Grannd bho Oighreachd Rath Mhurchais, a tha air a bhith a' strì airson an leasachaidh bhon uair sin agus chaidh aonta dealbhachaidh a ruighinn ann an 2010 às dèidh obair mhòir a sàsachadh bhuidhnean glèidhteachais agus am buidheann a tha os cionn na Pàirce Nàiseanta fhèin.

'S e a' chompanaidh Springfield a tha a-nis os cionn an leasachaidh, 's tha iadsan airson leantainn orra leis a' phlana.

Ged a tha buidheannan glèidhteachais leithid Wilderness Scotland agus a' Phàirce Nàiseanta fhèin taiceil do na planaichean, tha grunn bhuidhnean gu mòr nan aghaidh.

Chuir trì buidhnean - Buidheann Glèidhteachais Bàideannaich agus Srath Spè, Iomairt airson a' Mhonaidh Ruaidh, agus Iomairt na h-Alba airson Phàircean Nàiseanta - ath-thagradh laghail a-steach san t-Sultain an-uiridh an aghaidh nam planaichean.

Cha deach leotha agus bha dùil gur e sin deireadh na cùise.

Biastagan Beaga

Ach tha buidheanan eile air an ainm aca a chur ris an iomairt agus tha iadsan air spionnadh às ùr a thoirt dhaibh, 's iad air dòigh ùr air tagradh a dhèanamh an aghaidh nam molaidhean a thoirt air adhart.

'S iadsan Buidheanan Gleidhteachais nam Biastagan Beaga - no Buglife.

Tha iadsan air tighinn a-steach le gearain gum faodadh na plannaichean seo cron a dhèanamh air biastagan a th' ann an cunnart a dhol à bith leithid seilean dearc-choille agus seangan a' chinn chumhaing, còmhla ri beathaichean eile leithid a' chait fhiadhaich agus feòragan ruadha.

Tha a' bhuidheann seo ag ràdh nach deach rannsachadh àrainneachail domhain gu leòr a dhèanamh, agus gu bheil na plannaichean a' dol an aghaidh riaghaltean Eòrpach airson àrainneachd glèidhteachais.

Mairidh a' chùis dà là aig Cùirt an t-Seisein ann an Dùn Èideann, agus tha a' bhuidheann an dochas gun tèid stad a chur air plannaichean airson A' Chamais Mhòir agus leasachaidhean eile den leithid sa Phàirce Nàiseanta.

Bidh na buidhnean a tha ag iomairt airson an leasachaidh an dòchas gun tèid an co-dhùnadh leotha agus gun urrainn dhaibh tòiseachadh air pròiseact a chaidh a chur air adhart an toiseach ann an 1989.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh