Inneal-buain Mònadh
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Inneal ùr airson mòine a bhuain

12 Am Màrt 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

'S iomadh druim goirt a fhuairear sa pholl mhònach.

Ach dhan fheadhainn a tha ris fhathast - agus tha feadhainn ann - dh'fhaodadh gu bheil dòigh ùr air a' mhòine a bhuain.

Dhealbh fear à Leòdhas inneal a ghearras fàdan ann an cumadh fàd tairgseir - ach nas luaithe agus nas fhasa.

Tha e deònach daoine a thrèanadh air an inneal, neo a mhòine a bhuain e fhèin.

Chuir am fear-naidheachd againn, Aonghas Dòmhnallach, là seachad sa pholl.