Dràibhear ga saoradh fhèin bho chàr ann an loch

Chaidh aig boireannach air i fhèin a shaoradh bhon chàr aice, às dèidh dha dhol far an rathaid agus a-steach ann an Loch Àileart.

Thachair an tubaist mu 2:45f Diluain, mu thrì mìle an ear air baile Loch Àileart fhèin.

Thugadh dhan ospadal anns a' Ghearasdan i, ach cha robh i air a droch ghoirteachadh.

Tha na Poilis a' sireadh fiosrachaidh bho dhuine sam bith a chunnaic na thachair.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile