Clàr-ama a' Chàbail ga òrdachadh

  • Air fhoillseachadh
Càbal fon mhuir
Fo-thiotal an deilbh,
Thà dàil às dèidh dàil air tighinn air a' phròiseact.

Fhuair am meur den chompanaidh Scottish Hydro a tha an urra ri dealan a sgaoileadh - SHE Transmission - òrdugh clàr-ama fhoillseachadh airson càbal-dèalain ùir eadar na h-Eileanan an Iar agus Tìr Mòr.

Rinn an riaghladair, Ofgem, an t-iarrtas agus luchd-leasachaidh chumhachd ath-nuadhachail air a bhith a' gearain mun mhì-chinnt mun chàbal, agus cuin a bhiodh e ann - nam biodh.

Tha Comhairle nan Eilean Siar ag ràdh gum feum cinnt a bhith ann san t-suidheachadh san aithghearrachd.

Bha dùil an toiseach gur ann am bliadhna a bhiodh an càbal ann, ach chaidh a chur air ais gu 2015.

Cead gun Iarraidh

Agus aig deireadh na bliadhna an-uiridh, chualas gum biodh dà bhliadhna a bharrachd de dhàil ann, gu 2017.

Tha e a-nis air tighinn am bàrr nach eil SHE Transmission air cead iarraidh bho Ofgem airson an càbal a chur sìos.

Tha a' chompanaidh ag ràdh gum feum iad dearbhadh do dh'Ofgem gu bheil iarrtas ann airson a' chàbail, agus thuige seo nach urrainn dhaibh sin a dhearbhadh.

Tha na companaidhean a tha a' cur air adhart sgeamaichean ath-nuadhachail ge-tà, ag ràdh gun tug iadsan a h-uile fiosrachadh seachad a bha SHE Transmission ag iarraidh, agus gun do chuir iad airgead mu seach airson cosgais a' chàbail a phàigheadh.

Tha dragh, mur a tèid an gnothach a dhearbhadh a dh'aithghearr, nach bi cothrom air a' chàbal fhèin a cheannach cho luath 's a bha dùil, agus gum feumar feitheamh nas fhaide air a shon ri linn cho mòr 's a tha an t-iarrtas gu h-eadar-nàiseanta air càbalan.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh