Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

13 Am Màrt 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Taghadh a' Phàpa

Tha ceò dubh air tighinn à similear an t-Seapail Sistine anns an Ròimh a' ciallachadh nach eil Càrdanalan na h-Eaglaise Caitligich air Pàpa ùr a thaghadh, air an dàrna là den bhòtadh. Bha aon bhòta ann an-dè, agus dà bhòta eile an-diugh. Feumaidh 2/3 de 115 de na Càrdanalan aontachadh air an aon duine mus tèid Pàpa ùr ainmeachadh.

Amannan Feitheimh

Tha Pàrlamaid na h-Alba a' toirt sùil eile air an ùine a bhios euslaintich a' feitheamh air liosta ospadail. Tha Comataidh a' Chunntais aig Holyrood a' ceasnachadh àrd-oifigich an NHS agus cheannardan slàinte eile. Tha seo an dèidh sgainneil aig NHS Lodainn, far an deach cùram ann an Sasainn a thabhainn gu h-aithghearr air euslaintich, agus an dèidh sin clàradh nan aghaidh nach b'urrainn dhaibh a bhith ann air adhbharan sòisealta mur an robh iad air chomas siubhail dhan ospadal ann an Sasainn.

Dotair

Dh'aidich dotair teaghlaich a th' air a dhreuchd a leigeil dheth gun do chuidich e euslaintich a bha airson am beatha a thoirt gu ceann. Thuirt an Dr. Iain MacIlle Chiar, a bha gu bho chionn dà bhliadhna ag obair ann an Clarkston faisg air Glaschu, gun robh trì tursan ann far an tug e drogaichean do dh'euslaintich agus fhios aige gun robh iad a' beachdachadh air làmh a chur nam beatha fhèin. Dh'innis e dhan phrògram aig Radio Alba, Call Kaye, gun deach gach cùis a thoirt gu aire Luchd-casaid, a cho-dhùin an uair sin nach robh e gu maith an t-sluaigh a dhol dad nas fhaide leotha. Thuirt an dotair gu bheil esan den bheachd gu bheil cùisean ann, le riaghailtean teann an sàs, e ceart an taghadh sin a bhith aig euslaintich.

Siria

Thàinig rabhadh bhon charthannas Save the Children gu bheil dà mhillean duine-cloinne ann an Siria ann an cunnart eadar cion-bìdh, bochdainn agus buaidh a' chogaidh orra. 'S tha am Prionnsa Teàrlach 's a bhean Bana-dhiùc a' Chùirn, a' tadhail air campa fògarrach Sirianach ann an Iòrdan an-diugh, agus iad air turas oifigeil anns an ear-mheadhanach.

Càbal a' Chuain Sgìth

Dh'iarr riaghladair a' chumhachd, Ofgem, air meur de Scottish Hydro clàr-ama fhoillseachadh arison càbal-dealain ùir eadar na h-Eileanan an Iar agus Tìr Mòr. Tha luchd-leasachaidh chumhachd ath-nuadhachail air a bhith a' gearain mun mhì-chinnt mu cuin a bhios càbal ann, no fiù 's am bi càbal ùr idir ann.

Port-adhair an Eilein Sgitheanaich

Thuirt a' bhuidheann a tha a' strì airson seirbheis-adhair ùir dhan Eilean Sgitheanach gum faodadh i tòiseachadh cho tràth ris an ath-bhliadhna. Tha aithisg sgrùdaidh ag ràdh gum biodh còrr is 20,000 luchd-siubhail a dhìth gach bliadhna mus biodh an t-seirbheis seasmhach, agus gum b'urrainn goireasan aig raon-laighe Aiseig, faisg air an Ath Leathann, a leasachadh airson nas lugha na £3m. Chuir a' bhuidheann Fly Skye fàilte air sin, ach thuirt iad gum bi cuideachd subsadaidh poblach a dhìth airson faradh a chumail aig ìre reusanta.