"Butarais" ga dhèanamh den chroitearachd

Ruairidh Moireach
Image caption Thuirt Mgr Moireach nach eil an Coimisean ùr a' toirt adhartais sam bith air cùisean.

Chaidh fhàgail air Riaghaltas na h-Alba agus Coimisean na Croitearachd gu bheil iad air butarais a chruthachadh sa ghnìomhachas.

Nochd an gearan aig deasbad mu chroitearachd ann am Pàrlamaid na h-Alba oidhche Mhàirt.

Thuirt BPA Shealtainn, Tavish Scott, gun robh feum cùisean a chur ceart san aithghearrachd a thaobh mar a chuireadh casg air daoine a bhith a' sireadh cead talamh a dhì-chroitearachd.

Ach thuirt fear a bha na bhall den Choimisean, Ruairidh Moireach, gur e leasachadh seach peanasachadh a tha a dhìth ann an croitearachd.

Riaghailtean

"Tha mise a' smaoineachadh gur ann air luchd-comhairleachaidh an Riaghaltais as còir a' choire a chur," thuirt Mgr Moireach.

"Chan eil mi cho cinnteach gur ann le tubaist a thachair seo idir. Bhon tha cuid de luchd-comhairleachaidh croitearachd an Riaghaltais a tha gu dubh an aghaidh a bhith a' toirt fearainn sam bith a-mach à croitearachd, agus saoilidh mi gun d'fhuair seo a-steach dhan reachdas air an dòigh sin, gun fhiosta dhan fheadhainn a bha ga sgrùdadh, bhon cha robh eòlas aca air.

"Tha an cleachdadh a bhith a' toirt fearainn a-mach à croitearachd air a bhith ann bho chaidh an Achd a chur an gnìomh ann an 1976.

"Feumaidh iad cead a' Choimisein fhaighinn, agus ma dhiùltas an Coimisean dhaibh, tha cothrom aca ath-thagradh a dhèanamh ri Cùirt an Fhearainn.

"Mar sin dheth, tha smachd glè mhòr air sin mar thà. Tha feadhainn air a bhith a' gabhail brath air - ach tha an lagh a' ceadachadh sin dhaibh.

"'S e peanasachadh agus maoidhinn, saoilidh mise, an ruda as motha a tha na h-ùghdarrasan a' dèanamh, agus chan e càil a thaobh leasachadh no piseach a thoirt air suidheachadh chroitearan.

"Nuair a tha an còrr den t-Saoghal a' fosgladh a-mach le bhith a' toirt air falbh riaghailtean, agus a' toirt a' chothrom do dhaoine an saoghal aca fhèin a leasachadh, agus rudan a dhèanamh airson beò-shlaint a dhèanamh, 's ann a tha an Coimisean a-nis a' druideadh a-steach air croitearan agus a' toirmeasg dhaibh rudan a dhèanamh a bha comasach dhaibh a dhèanamh bho chionn linntean.

"Tha suidheachadh ùr againn a-nise le Coimisean na Croitearachd. Tha bliadhna a-nise bho chaidh an Coimisean ùr a tha seo ann an dreuchd - coimisean a chaidh gu ìre a thaghadh leis a' mhòr-shluagh.

"Bha daoine ag èigheachd airson sin fad linntean. Agus cha chuala sinn guth fhathast aca dè tha iad a' dol a dhèanamh airson misneachadh a thoirt do chroitearan, airson piseach a thoirt air an t-suidheachadh aca, agus airson leasachadh a chur ann an àite.

"An àite sin 's e a tha sinn a' cluinntinn, na laghan ùra agus riaghailtean ùra a dh'fheumas croitearan a choileanadh, a' toirt chroitean air falbh bho theaghlaichean anns an robh iad bho chionn linntean mòra, agus gun càil a' dol an àite sin.

"Mar a tha mise a' faicinn, leis a' Choimisean ùr a tha seo, 's ann a tha cùisean a-nise a' sìor-dhol air ais, agus chan ann a' dèanamh adhartais," thuirt e.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile