Seirbheis-adhair Sgitheanach "cho tràth ris an ath-bhliadhna"
- Air fhoillseachadh
Thuirt a' bhuidheann a tha a' strì airson seirbheis-adhair ùir dhan Eilean Sgitheanach gum faodadh i tòiseachadh cho tràth ris an ath-bhliadhna.
Tha aithisg sgrùdaidh ag ràdh gum biodh còrr is 20,000 luchd-siubhail a dhìth gach bliadhna mus biodh an t-seirbheis seasmhach, agus gum b'urrainn goireasan aig raon-laighe Aiseig, faisg air an Ath Leathann, a leasachadh airson nas lugha na £3m.
Chuir a' bhuidheann Fly Skye fàilte air sin.
Ach thuirt iad gum bi cuideachd subsadaidh poblach a dhìth airson faradh a chumail aig ìre reusanta.
Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil
Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh