Telebhisean ionadail do dh'Inbhir Nis?

Inbhir Nis Image copyright Undiscovered Scotland
Image caption Tha an Riaghaltas airson stèiseanan ionadail a thoirt do bhailtean na h-Alba.

Tha Inbhir Nis am measg 30 àite eile san Rìoghachd Aonaichte air an deach iarraidh tagradh a dhèanamh airson stèiseanan telebhisein ionadail ùra.

Tha Ofcom mar thà air cead craolaidh a thoirt do 19 aiteachan, nam measg Glaschu agus Dùn Èideann.

Chaidh prìomh bhaile na Gàidhealtachd a thoirt a steach anns an dàrna earrainn de cheadan craolaidh còmhla ri Obar Dheathain agus Dùn Dè.

Feumaidh na tagraidhean a bhith a-staigh ron 24mh là den Ghiblean.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile