Beàrnaraigh gu bhith air a cheannach

  • Air fhoillseachadh
Drochaid BheàrnaraighTùs an deilbh, Undiscovered Scotland
Fo-thiotal an deilbh,
Thabhainn an t-uachdaran an t-eilean air na daoine.

Dh'aontaich cha-mhòr a h-uile duine a bh' aig coinneimh ann am Beàrnaraigh Leòdhais oidhche Haoine gun gabhadh iad a' chiad cheum a dh'ionnsaigh an t-eilean aca a cheannach.

Tha an t-uachdaran a bh' aca, teaghlach Count Mirlees, air an t-eilean a thabhainn dha na daoine mus cuir iad air a' mhargaidh fhosgailte e.

Cha do bhòt ach aon neach an aghaidh gluasad air adhart leis a' phlana, agus comharra a thoirt dhan t-Siamarlan gun robh ùidh aca sealbh a ghabhail.

"Tha a' bhuidheann-stiùiridh a' coimhead ris na 's urrainn dhuinn a dhèanamh, agus airson airgead a lorg," thuirt Magaidh NicÌomhair.

"'S e sin an rud as cudromaiche, 's bidh sinn a' coimhead airson maoineachaidh.

"Agus an uair sin bidh coinneamhan eile againn airson faicinn dè tha a' choimhearsnachd ag iarraidh a dhèanamh.

"Às a' choimhearsnachd fhèin, gheibh iad tòrr taic. Tha a h-uile duine a' faireachdainn gu math làidir mu dheidhinn, 's iad ag iarraidh tòrr a dhèanamh airson Eilein Bheàrnaraigh.

"Mar a tha Beàrnaraigh an-dràsta, chan eil mòran a' tachairt ann," thuirt i.