Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

15 Am Màrt 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Leveson

Thèid aithisg fhoillseachadh feasgar air mar a bu chòir smachd a chur air na pàipearan-naidheachd an Alba. Chaidh iarraidh air a' Mhorair McCluskey sùil a thoirt air molaidhean Leveson a chur an sàs fo lagh na h-Alba. Ann an Sasainn tha na còmhraidhean eadar gach pàrtaidh air tuiteam às a chèile gun aonta. Tha Dàibhidh Camshron ag iarraidh riaghladh orra fhèin fhàgail aig na pàipearan, fo chòir sgrìobhte Rìoghail. Ach tha na Lib-Deamaich 's na Làbaraich ag iarraidh riaghailtean ùra, agus bidh iadsan a' foillseachadh mholaidhean feasgar an-diugh.

Siria

Nì Dàibhidh Camshron agus Ceann-suidhe na Frainge, Francois Hollande, oidhirp an-diugh aig coinneimh an Aonaidh Eòrpaich anns a' Bhruiseal, casg air armachd gu ruige Siria a thogail. Tha iad le chèile airson armachd a thoirt dha na Reubaltaich ann an Siria a tha a' strì ris a' Cheann-suidhe Assad. Ach tha dragh air ceannardan Eòrpach gun dèan sin cùisean ann an Siria nas miosa buileach.

Na Lib-Deamaich

Tha co-labhairt an Earraich aig na Libearalaich Dheamocratach an Alba air a' chiad là an-diugh ann an Dùn Dè. Bheir an Ceannard, Nick Clegg, seachad a' phrìomh òraid, agus dùil gun can e gu bheil na Lib-Deamaich, a dh'aindeoin connspaid bho chionn ghoirid, a' dèanamh feum ann an Westminster agus ann an Alba.

Eric Joyce BP

Tha Ball-Pàrlamaid Neo-eisimeileach na h-Eaglaise Brice, Eric Joyce, fhathast an grèim aig Poilis an dèidh buaireadh aig taigh-seinnse ann an Taigh nan Cumantan an-raoir. B'fheudar do Mhgr Joyce am Pàrtaidh Làbarach fhàgail an-uiridh an dèidh sabaid agus ionnsaidh air Ball-Pàrlamaid Tòraidh ann an taigh-seinnse eile aig Westminster.

Murt

Chaidh fear mu choinneimh na cùirte fo chasaid gur e a mhuirt nighean-sgoile ann am Birmingham an t-seachdain seo chaidh. Chaidh Phillip Simelane, a tha 22 bliadhna de dh'aois, a chumail an grèim. Chaochaill Christina Edkins a bha 16, an dèidh ionnsaigh sgèine oirre air bus ann an sgìre Edgbaston, Diardaoin seo chaidh.

Beàrnaraigh Leòdhais

Dh'aontaich cha-mhòr a h-uile duine a bh' aig coinneimh ann am Beàrnaraigh Leòdhais an-raoir gun gabh iad a' chiad cheum gu ruige an t-eilean a cheannach dhan choimhearsnachd. An dèidh bàs an uachdarain, Count Robin Mirrlees, tha a theaghlach a' tabhainn an eilein air muinntir an àite mus cuir iad air a' mhargaidh fhosgailte e.