Cìs "Seòmraichean-Cadail" a' toirt buaidh air mòran sna h-Eileanan an Iar
- Air fhoillseachadh

Dh' fhaodadh gun toir cìs "seòmraichean-cadail" an Riaghaltais, buaidh air mu thrì cheud duine anns na h-Eileanan an Iar, a-rèir figearan bho Chaidreachas Taigheadais Innse Gall.
Thathar am meas gun toir an leithid buaidh nas cruaidhe air daoine anns na h-Eileanan, leis nach eil uidhir a' roghainnean aca a thaobh àitean-fuirich.
Bhon a' chiad là den ath-mhìos, chan fhaigh daoine a tha a' fuireach ann an taighean sòisealta uidhir de dh'airgead ann an sochairean, ma thèid co-dhùnadh gu bheil seòmraichean-leapa aca air nach eil iad feumach.
Crathadh
Tha seo mar phàirt dhen crathadh a tha Riaghaltas Westminster a' toirt air sochairean sòisealta.
Fon t-siostam ùr, bidh daoine a tha a' còmhnaidh ann an taigheadais sòisealta agus aig a bheil seòmar-cadail nach eil iad a cleachdadh a' faighinn lùghachaidh sna sochairean air a bheil iad airidh.
Tha Caidreachas Taigheadais Innse Gall ag ràdh nach eil seo cothromach ann an àitean mar na h-Eileanan an Iar far nach bi e comasach do dhaoine taigh nas lugha fhaighinn.
Tha dragh orra-san gum bi aig daoine ris an sgìre fhàgail air sgàth an atharrachaidh.