Triùir iasgairean air an sàbhaladh

bàta-teasargainn Image copyright Other
Image caption Chaidh bàta-teasargainn Mhalaig a ghairm moch sa mhadainn.

Chaidh cobhair a dhèanamh air triùir iasgairean an dèidh mar a chaidh am bàta aca air sgeir an ceann a deas an Eilein Sgiathanaich.

Bhuail an Amethyst air creagan mu chòig uairean sa mhadainn faisg air Slèite.

Chaidh bàta-teasargainn Mhalaig a ghairm maile ri heileacoptair Steòrnabhaigh.

Thuirt an MCA gun do cleachd sgioba an Amethyst na h-uidheaman sàbhalaidh a bh' aca iar bòrd gu h-èifeachdach.

Chuir na h-iasgairean ràth-sàbhalaidh air bhog agus chaidh an thogail le bàta bho thuathanas-èisg, an Ronja Pioneer.

Moladh

Thug manaidsear faire Maor-chladaich Steòrnabhaigh Carol Collins moladh dha na h-iasgairean airson mar a làimhsich iad an suidheachadh.

''Tha seo a' comharrachadh gu bheil uidheaman-teasargainn a' sàbhaladh dhaoine", arsa ise.

Thuirt i cuideachd:

''Tha sinn taingeil dha na bàtaichean eile a bha cho sgiobalta a freagairt gairm èiginn an Amethyst airson na rinn iad gus cobhair a thoirt seachad agus fiosrachadh a chumail rinn.''