11 bhliadhna prìosain do dh'èignichear Rosach

  • Air fhoillseachadh

Chaidh 11 bhliadhna 's dà mhìos sa phrìosan air fear à Ros an Ear a fhuaireadh ciontach de chasaidean èigneachaidh agus ionnsaighean feise air boireannaich.

Chaidh Uilleam Beattie, 51, às àicheadh nan casaidean, ach chaidh fhaighinn ciontach, ann am facal a' bhritheimh, de "an-iochdmhorachd mhòr feise".

Bha e a' fuireach ann am Baile Dhùthaich aig an àm, ach dh'imich e an uair sin a Ghlaschu.

Dh'èignich e tè de na boireannaich, a tha a-nis 39, mus tug e ionnsaigh oirre le gunna-froise.

Dh'èignich e boireannach eile, a tha a-nis 65, agus thug e ionnsaighean drabasta 's maoidheadh air boireannach eile a tha a-nise 50.

Chuala an Àrd-Chùirt ann an Dùn Èideann, gun do thachair cuid de na h-eucoirean, a' dol air ais gu 1994, ann an Inbhir Ghòrdain agus Alanais.

A' cur binn air Beattie, thuirt am britheamh, am Morair Uibhist, gun d'fhuaireadh ciontach e de "shreath fhada de dh'eucoir feise."

"Chleachd thu maoidheadh agus fòirneart gus a bhith ri adhnair, agus ri èigneachadh iomadh turas," thuirt e.

"Dh'fhulaing boireannaich tàmailt uabhasach bhuat, agus chan eil mi ag ràdh cus le bhith a' gabhail an-iochdmhorachd mhòr feise air na rinn thu orra," thuirt e.

Tron chùis, thuirt Beattie gun robh e diùid, 's gun d'fhuair e càirdeasan ri boireannaich gu math doirbh. Thuirt e gur e "sgudal" a bh' ann am fianais nam boireannach.

Thuirt am fear-lagha aige, John Kenan, gun robh e fhathast a' dol às àicheadh nan casaidean.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh