Toradh Uibhist

Tunail Fàis
Image caption Tha mòran bìdhe ga fhàs 's ga àrach ann an Uibhist.

Tha Uibhist Sheasmhach a' faighneachd do dhaoine an t-seachdain seo na dh'iarradh iad a dhèanamh le toradh an àite fhèin.

Tha beachd ann gum bu chòir bùth a thogail far an deadh stuth a bh' air fhàs, àrach agus glacadh gu h-ionadail a reic.

Tha a' bhuidheann air a bhith ag obair gus eaconamaidh bhìdh Uibhist is Beinn nam Fadhla ath-stèidheachadh air na thig às an àite fhèin o chionn beagan bhliadhnaichean.

Tha iad air coinneamhan a ghairm airson beachdan mhuinntir an àite fhaighinn air an dòigh as fheàrr air malairt ionadail a bhrosnachadh.

Stòras Mòr a' Chrannchuir

"An rud a tha sinn ag iarraidh a dhèanamh aig na coinneamhan, 's e beachdan dhaoine fhaighinn air dè seòrsa rudan a tha iad fhèin airson faicinn anns a' choimhearsnachd agus anns na h-Eileanan a thaobh bìdh," thuirt Niall Caimbeul, bhon bhuidhinn.

"Agus an seòrsa bìdh a tha iadsan airson fhaighinn anns na bùithean anns an eilean fhèin.

"Tha an t-uabhas ri fhaighinn anns na h-Eilenan, ach ann an dòigh, chan eil àite ann far am faigh thu e uile cruinn còmhla.

"Tha sinne airson faighinn a-mach a bheil seo cudromach do mhuinntir Uibhist, agus am biodh iad air a shon.

"Am biodh iad airson, can, maorach no feòil, no lusan no ge b' e dè fhaighinn anns na bùithdean anns an eilean fhèin?

"Nuair a thòisich Uibhist Sheasmhach an toiseach a' smaointinn air a' phròiseact seo, bha iad am beachd ionad a chruthaicheadh airson seo a dhèanamh, àite a fhosgladh.

"Ach an dèidh barrachd rannsachaidh a dhèanamh, tha iad a' faicinn gu bheil àiteachan mar thà anns an eilean a bhiodh deònach an stuth a tha seo a reic nam biodh e ann.

"Tha beagan de thrioblaid ann a thaobh feòla is rudan mar sin, a thaobh mar a tha e air a pasgadh.

"Ma tha i a' dol a-steach gu bùth sam bith, feumaidh am pasgadh a bhith ceart.

"Sin tè de na trioblaidean. Chan eil àite ann an seo far an urrainn dhut sin a dhèanamh.

"Aig toiseach na bliadhna, chuir Uibhist Sheasmhach a-steach airson taic bho Stòras Mòr a' Chrannchuir Nàiseanta.

"Bha iad fortannach gun d'fhuair iad £50,000 airson sgrùdadh a dhèanamh air biadh anns na h-Eileanan.

"Tha an t-airgead a tha seo a-nis a' toirt cothrom dhaibh barrachd rannsachaidh cheart a dhèanamh, agus coimhead air dè na dòighean a bhiodh freagarrach airson seo a dhèanamh," thuirt e.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile