Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

20 Am Màrt 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Am Buidseat

Thuirt an Seansalair, Seòras Osborne, gun tèid e an sàs ann an trioblaidean eaconamach na dùthcha sa bhuidseat a bheir e seachad tràth feasgar. Innsidh Mgr Osborne mar a chosgas e £2.5bn a thèid a chùmhnadh le bhith a' gearradh chosgaisean an Riaghaltais, agus gearradh ann am buidseat Riaghaltas na h-Alba na phàirt dheth sin. Tha dùil gun tèid pàirt den airgead a chur gu ruige phròiseactan calpa mar a bhith a' togail thaighean.

Cion-cosnaidh

Thuit an àireamh a tha gun chosnadh an Alba fhad 's a dh'èirich an àireamh air feadh na Rìoghachd Aonaichte. Bha 4,000 nas lugha gun obair ann an Alba eadar an t-Samhain agus am Faoilleach. Agus air feadh Bhreatainn bha 7,000 a bharrachd gun chosnadh, suas gu beagan os cionn 2.5 millean.

Cìopras

Tha ceannardan poileataigeach ann an Cìopras a' feuchainn ris an eaconamaidh aca a shàbhaladh an dèidh dhan Phàrlamaid plana airson cìs air cùnntasan-banca a dhiùltadh. Bha taic-airgid eadar-nàiseanta a' crochadh air a' phlana sin. Tha Ministear Ionmhais Chìoprais ann am Mosgo ag iarraidh taic na Ruis.

Stailc

Tha buill an aonaidh as motha aig an t-seirbheis chatharra, am PCS, air stailc fad 24 uairean mu phàigheadh, peinseanan agus cùmhnantan obrach. Thuirt Ministear Oifis a' Chaibineit, Francis Maud, gur e stailc gun adhbhar agus gun chùram a th' ann.

Fèin-riaghladh Eileanach

Thuirt Ceannard Comhairle nan Eilean Siar, Aonghas Caimbeul, gum feum iad beachdachadh air tuilleadh fèin-riaghlaidh dha na h-Eileanan ma gheibh Alba a neo-eisimeileachd. Bha Mgr Caimbeul a' bruidhinn an dèidh do bhall Shealtainn ann am Pàrlamaid na h-Alba, an Lib-Deamach Tavish Scott, a bhith a' moladh gum bu chòir co-dhiù cuid de na sgìrean eileanach ìre de shaoirse fhaighinn bho Alba, agus iad a bhith 's dòcha mar a tha Eilean Mhanainn fo ùghdarras a' Chrùin ann am Breatainn. Thuirt Mgr Caimbeul gu bheil a' cheist air èirigh taobh a-staigh na Comhairle, ach gu bheil na h-uidhir de rudan eile air am feum iad bruidhinn an toiseach.

BBC ALBA

Bho Dhimàirt seo tighinn, an 26mh den mhìos, tha an sianal telebhisein Gàidhlig BBC ALBA a' gluasad suas bho àite 168 air chlàr-phrògram Sky, gu 143, ri taobh BBC 1 HD agus BBC 2 HD. Thuirt ceannardan gun tarraing sin aire tuilleadh luchd-amhairc do BhBC ALBA. Tha an sianal cuideachd air FreeSat, Freeview agus Cable.