BBC ALBA a' gluasad air Sky

  • Air fhoillseachadh
BBC ALBA
Fo-thiotal an deilbh,
Bidh an seanail ri taobh BBC1 HD agus BBC2 HD.

Bidh àireamh an t-seanail Ghàidhlig, BBC ALBA, ag atharrachadh air Sky bho Dhimàirt seo tighinn, 26mh am Màrt.

Bidh e a' falbh bho 168 gu 143 air clàr nam prògraman aig Sky.

Bidh e an uair sin ri taobh BBC1 HD, agus BBC2 HD.

Thathas an dùil gun tarraing sin tuilleadh luchd-amhairc chun an t-seanail.

Tha an seanail cuideachd ri fhaotainn air FreeSat, Freeview agus Cable, agus a rèir nam figearan oifigeil, tha e a' tàladh 500,000 de luchd-amhairc gach seachdain, le 3.4m duine a' coimhead nam prògraman tro BhBC iPlayer air a' bhliadhna a dh'fhalbh.

Timcheall a’ BhBC