Rannsachadh Pròbhost ga leigeil seachad

Chaidh cur às don rannsachadh laghail an aghaidh Pròbhost Inbhir Nis, Ailig Greumach.

Rinn Glynis Sinclair, a bha na Leas-phròbhost, gearain ris na poilis mun dòigh anns an do bhruidhinn Mgr Greumach rithe aig cuirm sa bhaile.

Rinn Mgr Greumach toileachas ris an naidheachd gun deach an sgrùdadh na aghaidh a leigeil às.

"Tha mise gu math toilichte leis a' cho-dhùnadh a tha seo, airson tha seo a' dearbhadh gun robh mi gam ghiùlain fhèin ann an dòigh cheart agus iomchaidh," thuirt Mgr Greumach.

"Gun robh mi a' dèanamh mo dhleastanais mar Phròbhost, agus cuideachd feumaidh mi a ràdh nach robh bunait sam bith anns a' chasaid a tha seo. Cha robh mise an dèidh càil ceàrr a dhèanamh.

"Tha mi a' smaoineachadh gur e an rud as fheàrr dhomhsa mu dheidhinn seo, an taic a fhuair mi bho mo theaghlach, 's bho charaidean 's comhairlichean bhon a h-uile pàrtaidh agus bhon phoball thairis air an dà no trì sheachdainnean a chaidh seachad.

"Tha sin an dèidh a bhith na chuideachadh mòr dhomh.

"'S e an rud a tha mise ag iarraidh a dhèanamh a-nis, 's e cumail a' dol a' frithealadh a' bhaile seo agus an sgìre agam fhìn mar Phròbhost agus mar chomhairliche," thuirt e.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile