Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

21 Am Màrt 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Là an Referendum

Thèid innse an-diugh dè an dearbh là an ath-bhliadhna air am bi referendum neo-eisimeileachd na h-Alba. Thèid bile a chur mu choinneimh na Pàrlamaid ann an Dùn Èideann feasgar le mìneachadh air riaghailtean na bhòta, ris a bheil dùil uaireigin as t-Fhoghair ann an 2014.

Am Buidseat

Bidh deasbad ann an Taigh nan Cumantan feasgar air a' Bhuidseat a bha aig an t-Seansalair an-dè. Thuirt na Làbaraich nach do rinn Seòras Osborne dad airson fàs eaconamach a bhrosnachadh. Ach tha an Seansalair fhèin ag ràdh gu bheil muinntir Bhreatainn a' tuigsinn carson nach eil an eaconamaidh a' fàs cho luath 's a bha dùil.

Cìopras

Tha dùil ri fiosrachadh bhon Cheann-suidhe ann an Cìopras an-diugh mun phlana ùr airson eaconamaidh na dùthcha a shàbhaladh le taic-airgid eadar-nàiseanta a nì cobhair oirre. Tha beachd ann gun tèid stòras peinsein na dùthcha a chur fo smachd na Stàite.

Obama ann an Israel

Chaidh dà rocaid a losgadh à Gàsa gu ruige ceann a deas Israel. Chaidh togalaichean a mhilleadh, ach cha deach duine a ghoirteachadh. Thachair an ionnsaigh air an dàrna là de thuras a' Chinn-suidhe Obama a th' air a dhol dhan Bhruaich an Iar an-diugh a choinneachadh ri Ceann-suidhe nam Pailistinianach, Mahmoud Abbas.

Càbal a' Chuain Sgìth

Dh'òrdaich riaghladair a' chumhachd, Ofgem, do SSE iad innse gu follaiseach cuin a tha iad am beachd càbal-dealain a chur eadar na h-Eileanan an Iar agus Tìr Mòr. Gheall SHE Transmission, meur de SSE, gun cuireadh iad iarrtas gu Ofgem ro dheireadh na mìos a chaidh, ach cha do thachair sin. Tha Prìomh Mhinistear na h-Alba Ailig Salmond agus Rùnaire a' Chumhachd Ed Davey air a dhol an sàs anns a' chùis.

Thuirt fear de bhuill Chomhairle nan Eilean Siar nach eil dòigh sam bith toirt air pàrantan pàigheadh airson oideachadh cloinne ann an ionnstramaidean ciùil anns an àrd-sgoil. Thuirt an Comh. Iain Moireastan nach tachair e, a dh'aindeoin na thuirt Cathraiche an Fhoghlaim, Catriona Stiùbhart, air Aithris na Maidne an-dè.

Gleann Eilge

Tha dragh air muinntir Ghlinn Eilge mun phlana airson an sgeama as motha an Alba a' cleachdadh chumhachd na mara ann an Caol Reatha eadar Gleann Eilge agus an t-Eilean Sgitheanach. Tha a' chompanaidh Sea Generation airson ceithir chrainn mhòra a chur anns a' chaolas, ach tha teagamh ann an Gleann Eilge am bi e gu buannachd sam bith dhan sgìre.