Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

22 Am Màrt 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Co-labhairt an SNP

Tha riochdairean Phàrtaidh Nàiseanta na h-Alba a' dèanamh air Inbhir Nis airson co-labhairt an Earraich aca. Tha dùil gur e neo-eisimeileachd na h-Alba am prìomh chuspair a bhios aca, an dèidh do dh'Ailig Salmond innse an-dè an dèat air am bi an referendum. Tha dùil cuideachd gun tèid tòrr càinidh a dhèanamh air cìs nan seòmraichean-cadail aig Riaghaltas Bhreatainn, agus air mar a tha am Pàrtaidh Làbarach a' dol a dhèanamh ath-sgrùdadh air sochairean.

Droch Shìde

Tha sneachda is cathadh a' dèanamh chùisean doirbh ann am mòran sgìrean an Alba. 'S ann an Dùn Phris is Gall-Ghàidhealaibh as miosa a tha e, ach tha duilgheadasan timcheall Ghlaschu agus anns an Ear-thuath cuideachd. Ann an Sasainn tha mòran sgoiltean dùinte leis an t-sneachda, agus tha mu 50,000 dachaigh ann an Èirinn a Tuath gun dealan ri linn na sìde.

Tha na h-uidhir de sheirbheisean-aiseige air a' chosta an iar air an cur dheth an-diugh leis an droch shìde sin. Cha bhi aiseag Steòrnabhaigh a' tilleadh à Ulapul airson a' chòrr den là. Tha dùil rithe ann an Steòrnabhagh a-rithist a-màireach. Tha cuideachd am bàta eadar an t-Òban, Loch Baghasdail agus Bàgh a' Chaisteil air a chur dheth, agus tha dàil air seirbheisean eile.

Loganair

Tha Comhairle nan Eilean Siar a dol às àicheadh gur iad as coireach gu bheil a' chompanaidh-adhair Loganair air cur às dhan t-seirbheis aca eadar Steòrnabhagh 's Dùn Èideann gach madainn Dihaoine. Thuirt Buill-Phàrlamaid na sgìre gur e gearraidhean ann am buidseat na Comhairle a bu choireach. Tha Loganair ag ràdh gur e dì-cleachdaidh a thug orra an t-seirbheis a ghearradh.

Corp Leanaibh

Thòisich rannsachadh ann an Ospadal Mhonklands anns an Àrd-ruigh an dèidh mar a chaidh corp leanaibh air a bhreith ron àm fhaighinn ann am biona clinigeach. Tha coltas gun robh am foetus eadar 15 agus 20 seachdain de dh'aois. Dh'iarr NHS Shiorrachd Lannraig leisgeul airson troimhe-chèile sam bith a chaidh adhbharrachadh. Thuirt iad gu bheil iad ag amas air spèis agus urram a thoirt dhan a h-uile teaghlach.

Crois Armailte

Chaidh a' Chrois Armailte a bhuilleachadh air seàirdeant Feachd an Adhair à Eilginn - tè de na buinn as cliùitiche a th' anns na feachdan armaichte. Fhuair an Sgt Roy Geddes bho Rèiseamaid an RAF a' chrois airson mar a dhìon e Campa Bastion ann an Afganastan bho reubaltaich an-uiridh.

Cogadh nan Eileanan Fàclannach

Tha pàipearan bho na h-80an a' sealltainn cho daingeann 's a bha cuid de Bhuill-Phàrlamaid Thòraidheach an aghaidh Cogadh nan Eileanan Fàclannach. Am measg nam pàipearan a chaidh fhoilleachadh airson a' chiad uair, tha litrichean, notaichean agus leabhraichean-là. Tha cuid dhiubh a' sealltainn gun robh Màiread Thatcher i fhèin car amharasach a dhol gu cogadh le Argentina.