Mullach Prìomh Lìog na Camanachd
- Air fhoillseachadh

Chan eil sgioba Thaigh na Bruaich air puing a chall fhathast am bliadhna is iad a' dèanamh na cùise anns na trì geamaichean aca an aghaidh Camanachd an Òbain (3-1), Gleann Urchadain (0-1) agus An Gearasdan (4-0).
Tha Bail' Ùr an t-Slèibh iad fhèin air deagh thoiseach-tòiseachaidh a dhèanamh a' buinig an aghaidh Gleann Urchadain (3-2) is Loch Abar (5-1) ged nach do thill iad bho Chill Targlainn ach le puing às dèidh dhaibh crìochnachadh co-ionnan le Lòbhat (2-2).
Rinn am Bail' Ùr a' chùis air Caol Bhòid ann an Taigh na Bruaich an-uiridh (2-5) ach 's e geama tòrr nas duilghe a th' anns an amharc aig sgioba Bhàideanaich an turas seo.
Teagamhan a' Bhail' Ùir
Cha chluich Glen Mac an Tòisich aig Bail' Ùr an t-Slèibh sa gheama seo no grunn gheamaichean eile an t-seusan seo is e air cnàmh uga a bhristeadh.
Tha teagamh ann cuideachd mu Phòl Mac Artair às dèidh dha adhbrann a ghoirteachadh a' trèanadh oidhche Ardaoin.
Tha draghan cuideachd ann mu Thormod Caimbeul agus mu Fhriseal Mac an Tòisich .
Caol Bhòid
Tha cùisean a' coimhead nas dòchasaiche do Chaol Bhòid is fear de na prìomh cluicheadairean aca, Grant Irvine air ais a' cluich am bliadhna às dèidh dha an t-seusan air fad an-uiridh a chall is a ghlùin air a goirteachadh.
Inbhir Aora
Ma 's e is gun dèan Inbhir Aora a' chùis air Ceann a' Ghiùthsaich aig an Dail is gun crìochnaich Caol Bhòid is Bail' Ùr an t-Slèibh co-ionnan, rachadh Inbhir Aora gu bàrr na Lìge oidhche Shathairne cuide ri Caol Bhòid.