Bàs ga rannsachadh an Inbhir Ùige

Tha na poilis ann an Inbhir Ùige a' rannsachadh, às dèidh mar a chaidh fireannach fhaighinn marbh madainn Disathairne.

Chaidh corp Uilleam McGough, a bha 30, a lorg mu 06:30m ann an Abhainn Inbhir Ùige, faisg air Caolshraid Bhictoria.

Thuirt na poilis nach eil fhios aca fhathast dè dh'èirich dha 's gu bheil iad airson cluinntinn bho dhuine sam bith a bha faisg air Caolshraid Bhictoria eadar 6:00f oidhche Haoine 's 03:30m madainn Disathairne.

Bha Mgr McGough caol 's mu shia troighean de dh'airde.

Bha seacaid shoilleir air, briogais spòrs dhorcha 's ceapa basball dorcha.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile