Molaidhean mu thaic croitearachd
- Air fhoillseachadh

Tha aithisg ùr ag ràdh gum feumar coimhead a-rithist air siostam na subsadaidh do chroitearan agus tuathanaich bheaga mar phàirt den atharrachadh air Poileasaidh Choitcheann an Àiteachais (CAP).
Tha na diofar bhuidhnean a bha an sas san rannsachadh ag ràdh nach eil croitearan a' faighinn na taic air a bheil iad airidh.
Fon CAP tha dùthchannan an Aonaidh Eòrpaich (AE) a' faighinn airgid mhòir, luach còrr air £50bn uile gu lèir - faisg air dàrna leth buidseit an AE - airson taic a chumail ri thuathanaich.
'S ann an urra ris na dùthchannan fhèin a tha mar a roinneas iad an t-airgead sin a-mach.
Leasachadh na Talmhainn
Tha luach na suime air a bhith a' crìonadh thar nam bliadhnaichean, agus tha dùil gun lùghdaich e tuilleadh am bliadhna.
Tha croitearan agus tuathannaich air Ghàidhealtachd agus anns na h-Eileanan ag ràdh nach eil an sgeama air a bhith ag obair gu ceart, agus nach eil iadsan a' faighinn na bu chòir dhaibh às.
Ann am prionnsabal, bu chòir gum faigh feadhainn a tha ag obrachadh talamh a tha bochd, no ann an sgìrean far a bheil an aimsir na dùbhlan nas motha na tha i ann an sgìrean eile, a' chuid a bu mhotha den airgead.
Ach tha na croitearan ag ràdh gu bheil a' chuid mhòr a' dol gu tuathanaich a tha an ìre mhath beartach ann an sgìrean torrach far a bheil an àiteachas làidir.
Tha buidheann ùr air tighinn còmhla, anns a bheil riochdairean bho Choimisean na Croitearachd, Caidreachas Croitearachd na h-Alba, an NFU, HIE, buidhnean àiteachais agus eile, airson na draghan sin a chur an cèill.
Tha iad a-nis air molaidhean a chur ann an aithisg do Bhuidheann Thar-Phàrtaidh na Croitearachd ann am Pàrlamaid na h-Alba.
Tha an aithisg a' mìneachadh na th' air a bhith a' tachairt leis na sgeamaichean taice.
Pròiseactan Baile
Tha iad a' moladh sgeama ùr a chur air chois, fon ainm Prògram Taic na Croitearachd, a dheadh an àite an sgeama CCAGS, a th' air a bhith ann greis.
Le sin tha iad airson a dhèanamh nas sìmplidhe do dhaoine taic fhaighinn, barrachd ghrant a thoirt dhaibhsan a th' air ùr-thòiseachadh ann an croitearachd, agus àrdachadh air an taic a tha pròiseactan baile a' faighinn.
Tha iad cuideachd airson gum bi taic shònraichte eile ga toirt dhaibhsan nach eil ag obair air tuathannasan mòra, ach air "Aonadan Beaga" nas lugha na 20 hectare.
Le sin, thathas airson 's gum bi grantaichean ann airson obair co-cheangailte ris am fearann a leasachadh 's a dhèanamh nas torraiche.
Cuideachd fon mholadh sin, dheadh sùil a thoirt air an sgìre no am baile gu lèir a dh'fhaicinn far a bheil cothroman as ùr a thaobh croitearachd.
Thèid na molaidhean sin a chur mu choinneimh Bhall-Pàrlamaid, agus mu dheireadh bidh e air beulaibh an Riaghaltais, airson co-dhùnadh co-dhiù bu chòir dhaibh a bhith mar phàirt de na h-atharrachaidhean.