Innes na ghaisgeach dhan Ghearasdan

Gary Innes Image copyright SNS
Image caption Chuir Gary Innes tadhail a' Ghearasdain.

Tha An Gearasdan suas dhan t-seachdamh àite ann am Prìomh Lìog na h-Iomain às dèidh dhaibh dà phuing a thogail 'son a' chiad uair am bliadhna.

B' e geama glè fhaisg a bh' aca an aghaidh Camanachd an Òbain, a bha iad fhèin air buannachadh 'son a' chiad turais an t-seachdain seo chaidh.

Chaidh sgioba an Òbain air adhart tràth aig An Àird, Iain Mac a' Mhaolain a' slaiceadh a' bhuill dhan lìon.

B' ann a bha làmh an uachdair aig balaich an Òbain 'son a' chòrr den chiad leth, ach dh'fhailich orra an dàrna tadhal a chur.

Ghabh iad aithreachas 'son sin tràth san dàrna leth nuair a fhuair Gary Innes tadhal dhan Ghearasdan.

Trang

Bha loidhne dìon an Òbain glè thrang às dèidh sin ach sheas iad gu làidir is coltas ann gum faigheadh iad puing às a' gheama.

Le dìreach diogan air fhàgail ge-tà, sheas fear-glèidhidh an Òbain air a' bhall gus slaic-peanais a thoirt dhan Ghearasdan.

Bhuail Innes am ball dhan lìon gus trì puingean cudromach a ghlèidheadh 'son sgioba Loch Abair.

Tha Lòbhat fhathast gun chall ach bha aca ri bhith riaraichte a-rithist le dìreach puing, is iad a' crìochnachadh 1-1 an aghaidh Chinn Loch Seile.

Chuir Lewis Tawse Lòbhat air thoiseach ann an 24 mionaidean ach chaidh Ceann Loch Seile dhachaigh le puing às dèidh tadhail san dàrna leth bho Chè MacRath.

Ceithir puingean bho cheithir geamaichean aig Lòbhat a-nise - às dèidh dhaibh a bhith air thoiseach ann an trì dhiubh - is feumaidh iad tòiseachadh air geamaichean den t-seòrsa seo a bhuannachadh gus cothrom a bhith aca aig mullach na Lìge.

Sa gheama eile a chaidh air adhart, chrìochnaich Loch Abar is Gleann Urchadain gun tadhal idir ann an Drochaid an Aonachain.

Briseadh-dùil

'S e briseadh-dùil a bhios ann dhan Ghleann aig nach eil ach aona phuing aig an ìre seo is mòran an dùil aig toiseach an t-seusain gum biodh iad faisg air mullach na Lìge.

Bidh iomagain air Loch Abar, tha fios, nach eil iadsan ach air aona thadhal a chur gu ruige seo.

Chuir an droch shìde às dha na geamaichean mòra aig mullach na Lìge is duilgheadasan siubhail a' fàgail nach b' urrainn do Bhail' Ùr an t-Slèibh Taigh na Bruaich a ruighinn, no Inbhir Aora a dhol gu Ceann a' Ghiuthsaich.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile