Cinn Tìre is Arainn fhathast gun dealan

Carbad Dìon Chatharra Image copyright Stephen Gibson
Image caption Cha bhi obair a-nis ga dèanamh air an dealan sna Hearadh agus ann an Scalpaigh Dimàirt mar a bha dùil.

Chuir na mìltean ann an Earra-Ghàidheal agus ann an Eilean Arainn oidhche eile seachad gun dealan.

Tha na ceudan de luchd-einnsiniridh ag obair air càbalan a chàradh, is a' chompanaidh SSE ag ràdh gur e seo an dùbhlan as motha a bha aca ann an 30 bliadhna.

'S e cuideachd a' chiad turas a-riamh ann an eachdraidh na companaidh a thuit dà chrann meatailt dealain gu talamh.

Thuirt SSE gu bheil iad ag obair gu dìcheallach gus cumhachd a thilleadh dhan a h-uile dachaigh san dà sgìre, far a bheil còrr is 3,000 duine fhathast gun dealain.

Tadhlaidh an Leas-Phrìomh Mhinistear, Nicola Sturgeon, air Cinn Tìre Dimàirt gus coimhead air mar a tha an obair a' dol air adhart.

Chuir SSE luchd-obrach a bharrachd dhan sgire.

Tha buaidh aige sin air na h-Eileanan Siar cuideachd, is iad air innse nach bi a-nis an dealan ga chur dheth Dimàirt mar a bha dùil ann an Scalpaigh, air an Tairbeart 's ann an Àird Àsaig sna Hearadh, air sgàth 's na tha den luchd-obrach aca tha an sàs ann an obair-càraidh ann an Cinn Tìre is Arainn.

Gu deas, ann an Dùn Phris is Gall-Ghàidhealaibh, chaidh dealan a thilleadh dha na dachannan air fad.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile