Sneachda na uallach do thuathanaich Earra-Ghàidheal

  • Air fhoillseachadh
Cith sneachda
Fo-thiotal an deilbh,
Tha uain a tha gam breith a-muigh gan tiodhlacadh fon t-sneachda dhomhain.

A thuilleadh air a bhith air cur às don dealan do na mìltean dhaoine, tha an sneachda a th' air tuiteam gu trom ann an Earra-Ghàidheal is Arainn na chrois do thuathanaich is croitearan na sgìre.

Tha an aimsir nas coltaiche ris - mur a bheil i nas miosa na - na gheibhear ann an dubhar a' Gheamhraidh ann an Roinn a' Mhonaidh, seach as t-Earrach ann an iar-dheas na h-Alba.

'S e an-dràsta àm breith nan uan, agus tha cho trom 's a tha an sneachda ga fhàgail gu math cunnartach do na beathaichean, le mòran dhiubh gan tiodhlacadh ann.

Tha bainne na laighe sna h-amaran air tuathanasan, is an sneachda a' cur bacadh air làraidhean a bhios a' tighinn ga thogail.

Bainne

Tha cuideachd duilgheadas mòr ann a thaobh a bhith a' biathadh stuic, agus an sneachda fiù 's gam fàgail às aonais uisge.

"Bidh e uabhasach doirbh dhaibh," thuirt Raibeart Dòmhnallach, bho Aonadh Nàiseanta nan Tuathanach.

"Aig an àm seo den bhliadhna, tha crodh a' breith 's tha caoraich a' breith cuideachd.

"Gu h-àraid le caoraich a tha a-muigh, tha e uabhasach doirbh dhaibh le uain air an lathadh agus air an tiodhlacadh ann an sneachda.

"Bha mi a' bruidhinn ri gille a dh'aithnichinn shìos an Sasainn, 's tha a chuid chaorach a' breith ann an seada.

"Nuair a chaidh e a-steach sa mhadainn, bha suas ri troigh sneachda na laighe anns an t-seada.

"Bha gnothaichean uabhasach doirbh aige.

"Ciamar a tha na balaich a tha ga dhèanamh a-muigh a' faighinn air adhart, chan eil fhios agam. Bidh call uabhasach aca ann an uain leis an fhuachd.

"Cuideachd, shìos ann an Cinn Tìre tha meall chrodh bhleodhainn, 's chan fhaigh na làraidhean a-steach airson am bainne a thogail.

"Ma tha e a' laighe còrr is dà là san amar, cha ghabh an luchd-ceannaich e.

"Tha an sneachda a' cur uabhas cosgais air tuathanaich cuideachd. Feumaidh an crodh 's na caoraich barrachd bìdh nuair a tha i cho fuar.

"Agus chan eil am feur a' tighinn aig an àm seo den bhliadhna. Tha sinn a' coimhead airson feur a' tighinn, agus chan eil sian a' tighinn.

"Tha e a' fàgail gum bi an Geamhradh nas fhaide, 's gum bi tuilleadh cosgais air daoine.

"'S tha e trom air an spiorad cuideachd," thuirt e.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh