Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

26 Am Màrt 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tuath-gaoithe Mara

Thug Riaghaltas na h-Alba cead do phlana airson tuath-gaoithe aig muir far chladach Shiorrachd Obar Dheathain far a bheil am fear-gnothaich Dòmhnall Trump a' strì an aghaidh a leithid. Tha ministearan an Riaghaltais ag ràdh gun cruthaicheadh an tuath-gaoithe, le 11 chrann ann, dealan airson faisg air 50,000 dachaigh. Ach tha Mgr Trump ag ràdh gu bheil e ro fhaisg air an leasachadh mhòr ghoilf aige beagan tuath air Obar Dheathain. Thuirt e ron a seo nach deadh e air adhart le taigh-òsta mòr air an làraich nam faigheadh an tuath-gaoithe cead.

Amanda Knox

Chuir a' chùirt as àirde anns an Eadailt às do bhreith cùirte fo an deach Amanda Knox, oileanach às Aimeireaga, agus fear leis an robh i a' falbh, Raffaele Sollecito, a shaoradh às a' phrìosan ann an 2011. Chaidh iadsan a dhìteadh fo chasaid gur iad a mhuirt tè à Breatainn, Meredith Kercher, ann am Perugia ann an 2007. Thèid a-niste èisteachd a-rithist ris an ath-thagradh a bh' ann, ann an 2011.

An Dealan

Thuirt Scottish and Southern Energy gu bheil iad a' dèanamh an dìcheill an dealan a thilleadh an-diugh do chòrr is 3,000 dachaigh ann an Earra-Ghàidheal, Cinn Tìre agus Eilean Arainn a tha sa chòigeamh là às aonais an dèidh sneachda thruim na seachdain seo chaidh. Tha mòran de sgoiltean nan sgìrean sin dùinte an-diugh a-rithist.

Loidhne-rèile

Dh'fhosgail Roinn na Còmhdhail an tagradh airson seirbheisean prìomh loidhne-rèile a' chosta an ear eadar Lunnainn agus Dùn Èideann, agus iad ag iarraidh buidheann ùr a bhith a' ruith na seirbheis an taobh a-staigh dà bhliadhna. Agus dh'innis na ministearan gum bi Virgin Trains a' ruith chùisean air prìomh loidhne a' chosta an iar suas dhan Ghiblean ann an 2017.

Cathraiche Bhòrd na Gàidhlig

Thuirt Cathraiche ùr Bhòrd na Gàidhlig, Iain Caimbeul, gur e airgead fhaighinn airson leasachadh na Gàidhlig dùbhlan cho mòr 's a tha roimhe san dreuchd. Thuirt e far a bheil iarrtas ann airson sgoiltean Gàidhlig nach bu chòir dàil a bhith ann mar a th' air a bhith a' tachairt ann am Port Rìgh. Buinnidh Mgr Caimbeul, a thòisich anns an dreuchd aig toiseach na mìos, do dh'Uibhist a Deas, agus tha e air a bhith os cionn na companaidh comhairleachaidh aige fhèin, agus na mhanaidsear air a' phròiseact rannsachaidh Soillse aig Sabhal Mòr Ostaig.

Cumhachdan na Pàrlamaid

Cuiridh Ceannard nan Tòraidhean ann an Alba, Ruth Davidson, ath-sgrùdadh air bhonn mu phoileasaidh a pàrtaidh air cumhachdan Pàrlamaid na h-Alba. Ann an òraid ann an Dùn Èideann feasgar tha dùil gun can i gum bu chòir tuilleadh chumhachdan a thoirt do Holyrood airson a bhith a' togail an airgid a tha ga chosg ann an Alba.

Heileacoptairean Teasairginn

Tha Bristow a' gabhail thairis seirbheis heileacoptair teasairginn Bhreatainn air fad. Dhearbh an Riaghaltas an-diugh gu bheil Bristow a' gabhail na seirbheis bho Fheachd an Adhair 's bhon Chabhlach Rìoghail ann an 2015, le cùmhnant gu 2026. Chaidh innse nas tràithe am bliadhna gu bheil Bristow a' tòiseachadh air an t-Samhradh seo fhèin air an t-seirbheis a tha an-dràsta aig na Maoir-Chladaich san iar-thuath, stèidhichte ann an Steòrnabhagh, agus anns an fhìor cheann a tuath, stèidhichte ann an Sealtainn.