Bann-leathann luath don cheann a tuath

  • Air fhoillseachadh
Fibre optic (EyeWire, Inc)Tùs an deilbh, Other
Fo-thiotal an deilbh,
Cuiridh BT càbalan fon mhuir gu ruige 19 eileanan.

Gheibh coimhearsnachdan air feadh na Gàidhealtachd 's nan Eilean cothrom air bann-leathann luath airson a' chiad uair, mar phàirt de sgeama luach £145.8m.

Tha Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean (HIE) air ceann a' phròiseict, a thèid a chur an sàs le BT.

Thèid £126.4m de dh'airgead phoblach a chur ris, a thuilleadh air £19.4m bho BT.

Thuirt an Leas-Phrìomh Mhinistear, Nicola Sturgeon, gur e pròiseact bun-structair cho adhartach 's a rinneadh riamh an Alba.

"Bheir seo ceangal do choimhearsnachdan air feadh fear de na sgìrean as dùbhlanaich anns an Roinn Eòrpa, agus bidh e na bhun-stèidh do leasachadh eaconamach san àm ri teachd," thuirt i.

"Bheir e cothrom do ghnothachasan na Gàidhealtachd 's nan Eilean a bhith ri farpais gu h-eadar-nàiseanta.

"Faodaidh seo cruth-atharrachadh a thoirt air mar a bhios sinn ag oideachadh ar cuid chloinne, 's a' toirt seachad sheirbheisean slàinte, sòisealta agus poblach," thuirt i.

Cuiridh BT còrr air 497 mìle de fibre optic ùr an sàs air tìr, agus mu 248.9 mìle de chàbalan fon mhuir, tarsainn gu ruige 19 eileanan.

Thuirt BT gur e am pròiseact einnsinireachd fo-mhuir as motha a rinn iad riamh ann am Breatainn, agus a' chiad riamh le uiread de chàbalan eadar-dhealaichte air grunnd na mara.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh