Tuath a' faighinn "suim chothromach" de dh'airgead an AE

  • Air fhoillseachadh
Drochaid Cheasaig, Inbhir Nis
Fo-thiotal an deilbh,
Tha an t-airgead Eòrpach air Ghàidhealtachd air crìonadh sna bliadhnachan mu dheireadh

Thuirt Àrd-rùnaire Roinn an Ionmhais, Danny Alexander, gu bheil Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte air dèanamh cinnteach gu bheil a' Ghàidhealtachd sna h-Eileanan a' faighinn "suim chothromach" de dh'airgead an Aonaidh Eòrpaich.

Bha am ball pàrlamaid Lib Deamach air Ghàidhealtachd a' bruidhinn an dèidh dhan Phrìomhaire gealltainn Alba a dhìon bho ghearraidhean mì-chothromach san airgead a tha a' tighinn bho stòrasan an EU.

Bha Riaghaltas na h-Alba air dragh a thogail gun deadh gearraidhean luach 30% a dhèanamh ann an Alba.

Ach, thuirt am Prìomhaire, Dàibhidh Camshron, gun tèid an aon ìre de ghearraidhean a dhèanamh sna ceithir dùthchanan sa rìoghachd.

A rèir Mhgr Chamshroin thig lùghdachadh de mu 5% air an airgead a thèid a chosg ann an Alba, Sasainn, a' Chuimrigh agus Eirinn a Tuath.

"Aonta nas fheàrr na bha dùil"

Tha Danny Alexander ag ràdh gu bheil an co-dhunadh gan d'thàinig an Riaghaltas ann an Westminster a' ciallachadh gu lean sgìre na Gàidhealtachd agus nan Eilean a' faighinn buannachdan mòra à ionmhas an Aonaidh Eòrpaich.

"Thèid mar a fhuair an Rìoghachd Aonaichte aonta nas fheàrr na bha dùil a thaobh na stòrasan ionmhais, 's dòcha nas fheàrr na bha dùil, aig Comhairle na h-Eòrpa bho chionn beagan sheachdainnean, a shealltainn nuair a thèid an t-airgead a roinn a-mach ann an dòigh thaiceal dhan Ghàidhealtachd sna h-Eileanan.

"'S urrainn dhan airgead seo diofar mòr a dhèanamh san sgìre againn thar na bliadhnachan ri teachd.

"Tha e ga'r cuir ann an suidheachadh math leantainn oirnn a' cleachdadh an airgid son fàs a thoirt air an eaconamaidh," thuirt Mgr Alexander.