Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

27 Am Màrt 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Na Bancaichean

Dh'innis Banca Shasainn do bhancaichean ann am Breatainn gum feum iad air a' char as lugha £25bn eile de dh'airgead chalpa a thogail ro dheireadh na bliadhna seo mar dhòigh air iad fhèin a dhìon bho chall a dh'fhaodadh tighinn orra fhathast. Thuirt Comataidh Poileasaidh an Ionmhais aig Banca Shasainn, nach fheum a h-uile banca, ach dìreach feadhainn dhiubh airgead a thogail. Dh'èirich luach nan earrainnean aig Lloyds agus Banca Rìoghail na h-Alba leis an naidheachd, oir cha robh an call cho dona 's a bha cuid de luchd-tasgaidh an dùil a bhiodh e.

Prudential

Chaidh càin de £30m air a' chompanaidh àrachais Prudential airson mar a làimhsich iad oidhirp air companaidh Àisianach, AIA, a cheannach. Thuirt Ùghdarras nan Seirbheisean Ionmhais (FSA) gum bu chòir do Phrudential a bhith air innse dhaibhsan mun aonta mus deach fiosrachadh a sgaoileadh dha na meadhanan naidheachd.

Dàibhidh Miliband

Tha Dàibhidh Miliband a' fàgail a dhreuchd mar Bhall-Pàrlamaid 's a' dol a ghluasad a New York far am bi e na cheannard air buidhinn charthannais eadar-nàiseanta Aimeireaganaich. Bidh fo-thaghadh a-niste ann an sgìre South Shields, far a bheil mòr-chuid làidir aig na Làbaraich. Tha dà bhliadhna gu leth ann bho dh'fheuch Mgr Miliband - a bha na Rùnaire airson nan Dùthchannan Cèine anns a' Chaibineat Làbarach - air ceannas a' phàrtaidh, ach rinn a bhràthair Ed a' chùis air airson na dreuchd sin. Thuirt Ed Miliband an-diugh gum bi ionndrainn aig poileataigs ann am Breatainn air a bhràthair.

An Dealan

Tha còrr is 1,500 dachaigh gun dealan fhathast eadar Earra-Ghàidheal, Cinn Tìr agus Eilean Arainn. Tha còrr is 700 dachaigh ann an Arainn gun dealan. Thill an t-seirbheis gu Ceann Loch Chille Chiarain, ach tha còrr is 800 dachaigh anns na sgìrean iomallach an sin fhathast às aonais. Chaidh innse do dh'fheadhainn gum bi an ath-oidhche ann mus fhaigh iad air ais an dealan.

Tha na Làbaraich ag iarraidh air Riaghaltas na h-Alba lagh a stèidheachadh san aithghearrachd gus nach caill duine dachaigh a th' aca air màl ma thig fiachan orra ri linn na cìse ùire air seòmraichean-cadail. Tha reachdas ùr a' tighinn à Westminster fo an caill daoine ann an taigheadas sòisealta cuid de na sochairean ma thèid tomhas gu bheil seòmraichean-cadail aca air nach eil feum aca. Thuirt Prìomh Mhinistear na h-Alba, Ailig Salmond, mar thà, nach cuir comhairle sam bith fo smachd SNP duine às an dachaigh. Ach tha na Làbaraich ag iarraidh gealltanais air sin san lagh.