Fois bho obair a' Mhòid
- Air fhoillseachadh

47 bliadhna an dèidh dhaibh dèanamh air a' Mhòd Nàiseanta airson a' chiad uair son obair saor-thoileach a dhèanamh, tha dithis de sheòid a' Chomuinn Ghàidhealaich air an dreuchdan aig a' bhuidheinn a leigeil seachad.
'S gann gu robh Mòd ann thar nam bliadhnachan sin nuair nach robh Tom agus Raghnaid Mitchell an làthair a' toirt taic agus cuideachaidh.
Aig coinneimh bhliadhnail a' chomuinn thugar bràistean òr dhan dithis son an saothair.
Fhuair Mgr agus a' Bhean-phòsta Mitchell ballrachd sa Chomunn Ghàidhealach ann an 1966 agus chaidh iad dhan Mhòd an dearbh bhliadhna sin.
Sin a' bhliadhna a ghlè Màiri Sandeman agus Archie Mac an t-Sagairt am bonn òr.
Choisinn Còisir Cheann Loch Chille Chiarain Sgiath Mhic Shimidh agus Thulaich Bhàrdain.
B'e Dòmhnall Grannd ceann-suidhe a' chomuinn.
Atharraichean
Bhon uairsin tha Tom agus Raghnaid air aon ceann-suidhe deug eile fhaicinn san dreuchd.
Chunnaic iad cuideachd am Mòd a leughdachadh agus a' faighinn inbhe rìoghail.
Thòisich an càraid, a rèir Thom, a' dèanamh rudan beaga, le Raghnaid a' dèanamh cupannan tì agus Tòm a' dèanamh rud sa bith a bha a dhìth air a' chomunn.
Tha Tom ag ràdh gum faca iad iomadh atharrachaidh sna bliadhnachan mu dheireadh.
"Tha barrachd dhaoine a' tighinn a' dh'ionnsaigh nam Mòdan, agus se rud math a tha sin.
"Agus tha a bhith a' brosnachadh na Gàidhlig, se sin rud eile." thuirt Tom.
Obair riochdachaidh
Thuirt e gur e cho math sa bha an obair a' còrdadh riudha an t-adhbhar gun do chum iad orra a' dol gu na mòdan bliadhna as dèidh bliadhna.
Tom Mitchell air Aithris na Maidne
Mu dheireadh bha Tom na stiùiriche aig a' Chomunn Ghàidhealach agus bhiodh e a' riochdachadh na buidhne air Urras MhicThaoig agus air Comataidh Iomairt Gàidhlig Shiorrachd Lannrig a Tuath.
Bhiodh e a' riochdachadh sgìre an iar dheis air bòrd stiùiridh a' chomuinn.
Chan eil Tom neo Raghnaid a' leigeil seachad an cuid ballrachd sa bhuidheinn, ge-ta.
Tha iad an dùil sin a chumail a' dol, agus ged nach bi iad ann ann dreuchd oifigeal tha a h-uile dòchais aca dèanamh air Pàislig san Damhair airson Mòd na bliadhna-sa.
Se a' cheist, ge-ta, dè cho furasda sa bhios e dhaibh fòis a ghabhail agus an obair fhàgail aig daoine eile.