Àrainneachd na Gàidhlig

  • Air fhoillseachadh
TròndairnisTùs an deilbh, Undiscovered Scotland
Fo-thiotal an deilbh,
Thèid an cùrsa a ruith ann an Tròndairnis san Eilean Sgitheanach.

Thathas gu tric ag ràdh gu bheil a' Ghàidhlig ceithir timcheall ort ann an Alba.

Tha na h-uidhir dhith ann gu dearbha, agus gur gann gum faic fiù 's an fheadhainn againn a bhruidhneas i gu fileanta, dàrna leth dhith.

Ann an cruth-tìre sam bith, 's iomadh rud a chìthear - agus tha Gàidhlig air a h-uile gin aca - leathadan, bràighean, bruaichean, lochan, lochain, cnuic, beanntan, craobhan, ainmhidhean agus lusan.

Aithnichidh gu leòr Ghàidheal cuid mhath dhiubh sa Bheurla, ach chan eil eòlas air ainmean Gàidhlig nan rudan seo cho cumanta.

Lusan, Eòin is Creagan

Tha iad gu tric a' toirt dhut sealladh eadar-dhealaichte air rud, seach mar a bhiodh agad sa Bheurla.

Tog ainmean lusan, mar eisimpleir. Tha diofar ainmean sa Ghàidhlig air an aon lus ann an diofar sgìrean.

Airson rud ris nach can duine ach "Foxglove" sa Bheurla sa chumantas, tha iomadh diofar ainm ann - Lus an Toraidh, Meuran na Mnà Sìth agus corra ainm eile, cuid aca caran mì-mhodhail, ach a tha a' toirt ort smaoineachadh air cruth an lusa ann an dòigh eile. Fàgaidh mi an gnothach eadar thu fhèin agus faclair...

Tha ainmean nan eun cuideachd an aon rathad, agus coltach ri lusan, leis nach bruidhinn uiread de dhaoine mun deidhinn cho tric an-diugh, tha eòlas air na h-ainmean gu tric gann. An e Trilleachan no Gille-Brìghde a chanadh tu ri Oystercatcher, mar eisimpleir, agus carson?

Tha gu leòr ann an cruth na tìre a chaidh a chruthachadh le mac an duine, 's tha pailteas briathrachais co-cheangailte ris an leithid cuideachd, nach eil ga chleachdadh ro thric an-diugh.

Eadar a h-uile rud a tha seo, tha facail a lìonadh iomadh leabhar - ach bha là a dhèanadh inntinn duine an gnothach airson an cumail.

Nam biodh agad fhèin ris an àrainneachd a mhìneachadh gu mionaideach do dhuine, sa Ghàidhlig, ciamar a dheadh dhut?

Tha an deasaiche, craoladair agus neach-teagaisg, Ruairidh MacIlleathain, air cùrsa ùr a chruthachadh do dhaoine a tha fileanta sa Ghàidhlig, airson eòlas air briathrachas na h-àrainneachd, agus tuigse air cruth na tìre tro shùilean nan Gàidheal, a thoirt seachad.

Tha an cùrsa - a bhios practaigeach, seach acadaimigeach - ga ruith còmhla ri Urras an Taobh Sear, ann an Tròndairnis san Eilean Sgitheanach.

"Bidh sinn a' coimhead ri àrainnean cho eadar-dhealaichte ris an tràigh mhaorach, a' choille sheargach agus ar boglaichean ainmeil," thuirt Mgr MacIlleathain.

"Tha dualchas air leth againn a tha a' ceangal a' chànain ris an àrainneachd, agus tha sinn feumach air tuilleadh luchd-labhairt na Gàidhlig a tha comasach air tuigse nan Gàidheal mun àrainneachd a lìbhrigeadh do mhuinntir na h-Alba san fharsainneachd, agus do luchd-turais," thuirt e.

Glothagach

Tha Mgr MacIlleathain air a bhith a' ruith chùrsaichean mun àrainneachd Ghàidhlig do luchd na Beurla airson greis mhath, agus tha e airson 's gum bi tuilleadh Ghàidheal uidheamaichte airson an dearbh obair a dhèanamh.

A thuilleadh air Mgr MacIlleathain, a bhios ag innse mu ainmhidhean is lusan a tha beò an-diugh, bidh an t-eòlaiche ionadail, Dùghall Ros a' bruidhinn mu na creagan is fosailean iongantach a gheibhear ann an Tròndairnis.

Bidh Sìne Ghilleasbuig cuideachd a' teagasg mu ainmean-àite agus dualchas an Taobh Sear - sgìre sa bheil a' Ghàidhlig làidir anns a' choimhearsnachd.

Bidh an cùrsa a' ruith thairis air deich là bho Dhiluain 15mh Iuchar gu Dihaoine 19mh Iuchar, agus cuideachd bho Dhiluain 22mh Iuchar gu Dihaoine 26mh Iuchar.

Bidh e stèidhichte aig Ionad Columba 1400 ann an Stafainn.

Feumaidh iarrtasan a bhith a-staigh airson a' chùrsa ro 15mh an Giblean.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh