BBC Naidheachdan

SSE "dòchasach" gun till dealan Diardaoin

Published
image captionChaidh ochd crainn-dealain a mhilleadh ann an Earra-Ghàidheal.

Tha a' chompanaidh chumhachd, Scottish & Southern Energy, dòchasach gun tèid aca air càbalan a' chàradh air Eilean Arainn Diardaoin.

Bha mu 350 dachaigh air an eilean fhathast gun dealan oidhche Chiadain, 's mu 100 taigh ann an Cinn Tìre.

Dh'adhbharaich trioblaid le cruthadair-dealain thar na h-oidhche gun robh 1200 dachaigh ann an Eilean Arainn gun dealan madainn Diardaoin ge-tà.

'S ann an sgìre Eadar Dhà Rubha (Whiting Bay) a tha a' chuid as motha de na dachannan sin.

Tha iad air a bhith gun dealan bho mhill sneachda trom crainn-mheadailt dealain Dihaoine seo chaidh.

Nì luchd-einnsiniridh an dìcheall gus an sgìre air fad a cheangal a ris a' Ghriod Nàiseanta a-rithist, le seasan na turasachd a' tòiseachadh air an deireadh-sheachdain.