Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

28 Am Màrt 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Spreadh Gas

Tha dithis seann daoine san ospadal an dèidh spreadh gas aig taigh ann an Calasraid ann an Siorrachd Shruighlea. Chan eil aithris ann an-dràsta air slàinte an duine, a tha 77 bliadhna de dh'aois, agus boireannach a tha 74. Thuirt Poilis gun do leag an spreadh aig 06:00m an-diugh, an taigh gu làr.

Raon-ola

Dh'fhoillsich companaidhean ola plana airson raon Clair, an iar ais Sealtainn, a leudachadh, agus iad a' cur £330m an sàs ann. Tha BP am measg nam buidhnean a tha an dòchas brath a ghabhail air an raon-ola as motha ann an uisgeachan Bhreatainn.

Hillsborough

Thuirt an Coimisean Neo-eisimeileach airson Gearain mu na Poilis gum bitheadh cùis ri freagairt aig seann àrd-chonnstabal Poilis Thaobh Siar Shiorrachd York, Sir Tormod Bettison, nam b' e oifigear poilis a bh' ann fhathast. Bha an Coimisean a' rannsachadh dol-a-mach Shir Thormoid an dèidh na h-aithisg an-uiridh air tubaist Stadium Bhuill-choise Hillsborough. Aig àm na tubaiste ann an Sheffield ann an 1989, bha Sir Tormod ag obair ann an Ceann a Deas Shiorrachd York, agus chuidich e le ullachadh aithisg mun dòigh anns an do làimhsich Poilis chùisean an dèidh na tubaiste.

Cìopras

Tha na bancaichean ann an Cìopras a' fosgladh a-rithist an-diugh an dèidh a bhith dùinte fad cola-deug fhad 's a chaidh cobhair aontachadh air an dùthaich. Chaidh luach billeanan Euro a ghluasad dha na bancaichean, ach tha casg air an t-suim-airgid a dh'fhaodas daoine a tharraing às na cunntasan aca.

Càbal a' Chuain Sgìth

Tha teagamh às ùr ann mun phròiseact airson càbal mòr dealain eadar na h-Eileanan an Iar agus Tìr Mòr, agus a' chompanaidh SHE Transmission a' togail cheistean mu chosgais agus iarrtas airson an sgeama. Chuir a' bhuidheann litir gu riaghladair a' chumhachd, Ofgem, ag ràdh nach eil dearbhadh idir ann gum biodh iarrtas gu leòr ann airson a' chàbail, agus gu bheil cosgaisean a thèid air companaidhean airson an càbal a chleachdadh - rud nach eil gnothach acasan ris - a' deanamh mì-chinnt cuideachd. Chuir Ceannard Comhairle nan Eilean Siar, Aonghas Caimbeul, litir gu Ofgem a' gearain mun dàil a tha sa chùis.

Arainn

Tha còrr is 1,000 dachaigh ann an Eilean Arainn gun dealan a-rithist, agus trioblaidean ann leis na gineadairean a chaidh a chur chun an eilein an dèidh droch aimsire na seachdain seo chaidh. Thuirt Scottish and Southern Energy gu bheil iad an dòchas an dealan a thilleadh dhan a h-uile sgìre ann an Arainn, Earra-Ghàidheal agus Cinn Tìre ro dheireadh an là an-diugh.