Fear-naidheachd fhathast a dhìth

Clive Dennier
Image caption Fhuair na poilis fios mu Mgr Dennier Diluain.

Dh'iarr Comhairle Sreapadaireachd na h-Alba air na buill aca cuideachadh le bhith a' coimhead airson fear-naidheachd às Inbhir Nis a tha a dhìth.

Chuir luchd-fastaidh Clive Dennier, a tha 50 bliadhna de dh'aois, fios chun nam poileas bho nach do nochd e aig obair aig Herald Bhàideanaich agus Shrath Spè.

Bhruidhinn e mu dhol a choiseachd anns na beanntan aig an deireadh-sheachdain, ach cha chuala duine guth bhuaithe bhon uair sin.

Chaidh iarraidh air luchd-coiseachd agus luchd-sreap sùil a chumail gun fhios nach fhaic iad Mgr Dennier no an carbad aige.

Cuideachd, tha na poilis ag iarraidh air daoine bruidhinn riutha ma tha fiosrachadh aca mu dhèidhinn.

'S e Volkswagen Polo airgid leis an àireamh SX54 CXD a th' aig Mgr Dennier.