Tubaist mhairbhteach am Beinn nam Fadhla

Published

Chaochail fear-puist ann am Beinn nam Fadhla às dèidh mar a bhuail am bhana aige fhèin ann.

Chaidh fios a chur air na poilis mun tubaist air Ford Terrace goirid às dèidh 1130 madainn Dhiardaoin.

Chaidh na seirbheisean èiginn chun na làraich ach chaochail an duine an sin.

Tha rannsachadh a' dol air na thachair.

Chaidh an duine ainmeachadh gu h-ionadail mar Ronnie Moireasdan.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh