Cupa MhicThàimhais gus tòiseachadh
- Air fhoillseachadh

Tòisichidh Bail' Ùr an t-Slèibh an oidhirp gus dìon a chur air Cupa MhicThàimhais aig an deireadh-sheachdain nuair a chluicheas iad an aghaidh a' Ghearasdain.
Tha am Bail' Ùr air tòiseachadh gu làidir a-rithist am bliadhna le còig puingean à trì gheamaichean san lìog.
Cha robh cùisean cho furasta dhan Ghearasdan thuige seo ach fhuair iad togail an t-seachdain seo chaidh agus dà thadhal bho Ghary Innes a' glèidheadh nam puingean dhaibh an aghaidh Chamanachd an Òbain.
'S e sgioba òg a th' aig a' Ghearasdan an-dràsta ach tha iad comasach air dùbhlan a thoirt dhan Bhail' Ùr, gu h-àraidh ma bhios cuid de na seann laoich rim faighinn.
Inntinneach
Bidh geama inntinneach ann am Port Rìgh cuideachd far an cuir na Sgitheanaich fàilte air Ceann a' Ghiuthsaich.
Bidh an dà sgioba an ìre mhath misneachail mun dòigh sa tha iad air an t-seusan ùr a thòiseachadh is còrdaidh e ris na h-eileanaich feuchainn ri ceann a' mhaide a chumail ri sgioba cho cliùteach ri Ceann a' Ghiuthsaich.
Anns na geamaichean eile ann an Cupa MhicThàimhais bidh Inbhir Nis an aghaidh Lòbhait, Cabair Fèidh an aghaidh Chinn Loch Seile agus A' Mhanachainn an aghaidh Shrath Ghlais.
Bidh dà gheama sa Phrìomh Lìog agus thèid dà sgioba nach eil air geama a chall am bliadhna, Inbhir Aora is Caol Bhòid, an aghaidh a chèile aig an Winterton.
Seo an dà sgioba a thug dhuinn geama sònraichte ann an cuairt dheireannach Chupa na Camanachd an-uiridh, geama a bhuannaich Caol Bhòid 6-5 air a' cheann-thall.
Bha dùil gun dèanadh sgioba Thaigh na Bruaich math am bliadhna ach tha soirbheachas Inbhir Aora thuige seo air iognadh a chur air mòran, is iad air feadhainn de na cluicheadaran aca a chall às dèidh na cuairt deireannaiche an-uiridh.
Shaoileadh tu nach bi cus eadar na sgiobaidhean a-rithist Disathairne.
Cuiridh Gleann Urachdain fàilte air Camanachd an Òbain is iad ag amas air buannachadh 'son a' chiad uair am-bliadhna.
Thug an Gleann droinneadh air sgioba an Òbain ann an cuairt dheireannach Chupa MhicAmhlaidh an-uiridh ach bidh dùil ri geama na b' fhaisge Disathairne.
Eus-aonta
Far na pàirce tha eus-aonta mu phlanaichean gus crathadh air na lìogaichean a' leantainn.
Thàinig e am bàrr gun do dh'fhaillich e air Bòrd Stiùiridh Chomann na Camanachd coinneamh a bhith aca sa Ghearasdan oidhche Chiadainn.
Cha b'urrainn do bhuill gu leòr a bhith an-làthair son coinneimh.
Thathas a' tuigsinn gun tèid oidhirp eile a dhèanamh taobh a-staigh cola-deug coinneamh eile a ghairm.
Thathas cuideachd a' tuigsinn gu bheil Bail' Ùr an t-Slèibh air an tagradh aca an aghaidh structuir ùir a tharraing - is gu bheil iad a-nis a' toirt taic do thagradh a tha sgioba an Eilein Sgitheanaich air a dhèanamh.