Corp ga lorg ann an Gleann Comhann
- Air fhoillseachadh
Chaidh fear-sgìthidh a bha a dhìth ann an Gleann Comhann a lorg marbh.
Thathas a' smaointinn gun deach Daniel Maddox, 41, à Siorrachd Chlach Mhanainn, a ghlacadh ann am maoim-sneachda.
Bha a' mhaoim-sneachda ann mu 1:00f Disathairne.
Bha mu 50 neach bho na seirbheisean-èiginn agus heileacoptair RAF a-muigh a' lorg Mhgr Maddox.
Chaidh an corp aige a lorg feasgar Didòmhnaich.