Dàibhear air bàsachadh ann an Leòdhas
- Air fhoillseachadh
Chaidh fireannach, dà fhichead 's a ceithir bliadhna de dh'aois, a mharbhadh ann an tubaist fhad 's a bha e a' dàibheadh sna h-Eileanan Siar.
Chaidh na seirbheisean-èiginn a ghairm gu tràigh Bhòstaidh ann am Beàrnaraigh Leòdhais mu leth-uair an dèidh a còig feasgar na Sàbaid.
Thuirt na Poilis gun deach an dàibhear a thogail chun an ospadail ann an Steòrnabhagh le heileacoptair nam Maor-cladaich.
A dh'aindeoin gach oidhirp a rinn luchd-eiridinn aig an ospadal ge-tà, cha deach aca air a shàbhaladh.
Cha deach ainmeachadh fhathast.
Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil
Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh