Dòmhnach Càisge as fhuaire ga chlàradh air Ghàidhealtachd

  • Air fhoillseachadh

Thuirt Oifis a' Mhet gur e Didòmhnaich an Dòmhnach Càisge a b'fhuaire a bh' ann am Breatainn bho thòisichear air clàran a chumail ann an 1960.

Thuit i gu -12.5C ann am Baile Chaisteil Bhràigh Mhàrr.

'S àbhaist dhi a bhith eadar deich agus trì deug Celsius mun àm seo den bhliadhna.

Tha luchd na h-aimsire ag ràdh gur dòcha gum mair an fhuachd gu meadhan a' Ghiblein.