Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

2 An Giblean 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Sochairean

Nì an Seansalar, Seòras Osborne, òraid feasgar a' toirt an aghaidh air feadhainn a tha a' gearain mun atharrachadh air cìsean agus sochairean stàite a thàinig gu bith an-dè. Tha am Pàrtaidh Làbarach, ceannardan eaglaise agus buidhnean carthannais ag ràdh gur iad na daoine as fheumaiche as motha a dh'fhulaingeas le poileasaidh an Riaghaltais.

Falaisgear

Thuirt luchd-smàlaidh gu bheil an teine mòr a thòisich air a' mhòintich faisg air a' Ghearasdan an-dè air a dhol às. Aig aon àm an-raoir bha an teine a' losgadh leathad trì mìle faisg air Banbhaidh. Thuirt Seirbheis Smàlaidh agus Teasairginn na h-Alba gu bheil iad a' cumail sùil air an sgìre air eagal 's gu bheil èibhleagan teatha ann fhathast far am faodadh an teine lasadh às ùr.

Loidhne-fòn ùr NHS

Bho an-diugh tha cothrom aig luchd-obrach an NHS an Alba air loidhne-fòn ùr far am faod iad draghan a thogail mu dhòighean-obrach anns na h-ospadail. Tha Riaghaltas na h-Alba a' dèanamh sgeama pìolait fad bliadhna air an loidhne-fòn, far am faod luchd-obrach gearain no draghan a thogail gun innse cò iad.

Loch Luirge

Chaidh sgiobannan teasairginn a-mach an-diugh a-rithist a choimhead airson duine a thuit a rèir choltais tron deigh air loch ann an sgìre aonaranaich ann an Siorrachd Pheairt. Chaidh na seirbheisean èiginneach a ghairm gu Loch Luirge, mu thrì mìle deas air Ceann Rois feasgar an-dè.

Margaidh a' Chlò

Tha oidhirp a' tòiseachadh an t-seachdain seo air margaidh a' Chlò Hearaich a leasachadh as ùr ann an Aimeireaga a Tuath. Tha a' chompanaidh Clò Hearach Innse Gall air cùl na h-iomairt, agus iad airson a' mhargaidh a thilleadh chun na h-ìre aig an robh i aig aon àm mar thè de phrìomh mhargaidhean an t-Saoghail airson a' Chlò.

Scalpaigh

Tha Urras Ceann a Tuth na Hearadh an dòchas Scalpaigh a thoirt leotha fo bhratach na buidhne a dh'aithghearr. Bhòt muinntir Scalpaigh mar thà airson a dhol còmhla ris an Urras, a tha trang an-dràsta a' comharrachadh deich bliadhna bho fhuair iad sealbh air an fhearann.