Taic-airgid ga shireadh son bàta sàbhailteachd air Loch Obha

Loch Obha
Image caption Chaill 26 duine am beatha air Loch Obha anns na fichead bliadhna a chaidh seachad.

Tha Companaidh Tearainteachd Loch Obha - buidheann coimhearsnachd - ag iarraidh bàta sàbhailteachd a cheannach a bhiodh stèidhichte air Loch Obha.

Chur ministear airson sàbhailteachd sa choimhearsnachd, Roseanna Chonnagan, taic ris an iomairt ach tha e coltach gun cosgadh bàta mar seo £220,000.

Ged a tha Companaidh Tearainteachd Loch Obha, a dh'aithnichear cuideachd mar Loch Awe LochWatch, air £8,000 a chruinneachadh iad fhèin, tha deagh astar aca ri dhol fhathast mus ruig iad an targaid.

Air là àlainn, is gann gun gabhadh a chreidsinn gum faodadh Loch Obha a bhith cunnartach, ach bidh ceò tiuth tric a laighe air an loch agus ann an 2009 chaidh ceathrar iasgair a bhàthadh anns an loch às dèidh dhan a' bhàta aca a dhol fodha.

Call beatha

Thairis an fhichead bliadhna mu dheireadh, chaill 26 neach am beatha air Loch Obha a-mhàin, agus tha a' Companaidh Tearainteachd Loch Obha ag iarraidh an àireamh sin a lùghdachadh.

Gus cuideachadh leis an iomairt sin dh'iarr iad air a' mhinistear, uidheamachd conaltraidh fhaighinn a chuidicheadh ann an àiteachan far nach eil signal nam fònaichean-làimhe ag obair cho math.

Tha iad ag ràdh mar as luaighe a thèid aca air cobhair a dhèanamh air cuideigin a tha ann an èiginn is ann as motha a tha teans aca gun soirbhich leotha.

Tha Loch Awe LochWatch cuideachd ag iomairt airson buidheann sàbhailteachd a stèidheachadh a bhiodh a' coimhead ri trèanadh a thoirt seachad timcheall air lochan air tìr mòr na h-Alba.

Chaidh buidheann dhe leithid a mholadh ann an aithisg a rinn sgrùdadh às dèidh dhen cheathrar bàsachadh ann an 2009.