Taigh-smocaidh leis na daoine

Achd Ille Bhuidhe Image copyright DOUGLAS NELSON
Image caption 'S e buille a bh' ann dhan sgìre nuair a dhùin taigh-smocaidh ann an Achd Ille Bhuidhe ann an 2012.

Shoirbhich le muinntir thaobh siar Rois seann taigh-smocaidh Achd Ille Bhuidhe a cheannach.

Dh'fhuiling muinntir na Còigich buille an-uiridh nuair a ghluais a' chompanaidh Summer Isles Foods an obair aca bho Achd Ille Bhuidhe gu làrach ùr ann an Alanais.

Bha dusan a' faighinn cosnadh aig a' chompanaidh ann an Achd Ille Bhuidhe.

Thathas an dòchas a-nise gun tèid an taigh-smocaidh a chur gu feum a-rithist 'son na coimhearsnachd is Companaidh Leasachaidh Coimhearsnachd na Còigich air a cheannach 'son £110,000.

Fhuair a' bhuidheann £160,700 bho Stòras Fearann na h-Alba.

A bharrachd air an togalach a cheannach, thèid an t-airgead a chosg air oifigear leasachaidh fhasdadh 'son an gnothach a ghluasad air adhart.

Nì a' chompanaidh leasachaidh a-nise co-chomhairle agus sgrùdadh farsaing feuch dè an dòigh as fheàrr an togalach a chur gu feum.

"S e naidheachd air leth a tha seo dhan choimhearsnachd", thuirt cathraiche Companaidh Leasachaidh Coimhearsnachd na Còigich, Iain Muir.

"Tha sinn air leth fhèin misneachail gum faigh sinn pròiseict a bhios freagarrach dhan ghoireas agus dhan choimhearsnachd", thuirt e.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile