Sreapadair fhathast a dhìth

  • Air fhoillseachadh
Heileacoptair
Fo-thiotal an deilbh,
Tha heileacoptair nam maor-cladaich an lùib na h-iomairt.

Tha luchd-teasairginn nam beann fhathast a' sireadh fireannaich a tha a dhìth san Eilean Sgitheanach.

Bha Oliver Mac a' Ghobhainn, à Fìobha, a tha 33, air dhol a choiseachd air Blà Bheinn madainn Disathairne, ach cha do thìll e dhan taigh leabaidh is bracaist aige feasgar.

Tha luchd-teasairginn nam beann às an Eilean Sgitheanach ga shireadh le taic bho heileacoptair agus coin nam poileas, ach cha d'fhuair iad sgeul air fhathast.

Tha Mgr Mac a' Ghobhainn 5 troighean is 7 òirlich, caol agus le gruag dhonn ghoirid.

Tha speuclairean air is bha briogais Khaki is seacaid is ad dhùbh air nuair a chaidh fhaicinn mu dheireadh.

Thòisich an luchd-teasairginn às ùr Diciadain.