Inbhir Aora fhathast aig a' mhullach

  • Air fhoillseachadh
An Gearasdan is Gleann Urchadain.Tùs an deilbh, NEIL G PATERSON
Fo-thiotal an deilbh,
Chrìochnaich An Gearasdan is Gleann Urchadain co-ionnan 2-2.

Ghluais Inbhir Aora dà phuing air thoiseach air a' chòrr aig mullach Prìomh Lìog na h-Iomain nuair a rinn iad a' chùis 1-0 air Loch Abar ann an Drochaid an Aonachain.

B'e Peadar Mac an t-Saoir a chuir an tadhal, an darna tadhal aige bho ghluais e gu Inbhir Aora bho Chill Mhàilidh.

Tha 9 puingean aig Inbhir Aora mar thà, is iad an ìre mhath faisg air an targaid a bh' aca - fuireach sa Phrìomh Lìog - a choileanadh, fiùs ged nach eil ach còig geamaichean air an cluich.

Ghluais Bail' Ùr an t-Slèibh dhan darna àite is iad air soirbheachadh 2-0 air falbh an aghaidh Chamanachd an Òbain.

Thàinig na tadhail san darna leth bho Chrisdean Sellar is Calum Stiùbhart.

Droch là

Bha droch là eile aig Caol Bhòid, seachdain às dèidh dhaibh call ann an Inbhir Aora.

Chaidh balaich Thaigh na Bruaich air thoiseach 2-0 sa Chlachan Aillseach ach fhuair Ceann Loch Seile air ais dhan gheama le tadhail bho Ghordie Dòmhnallach (2) agus Iain MacRath.

Dà phuing air leth do Cheann Loch Seile ged a bha a' bhuil ann agus Fionnlagh MacRath gu bhith a dhìth orra 'son beagan sheachdainean is e air a ghoirteachadh.

Bha faochadh ann do Lòbhat a bhuannaich geama lìoge 'son a' chiad uair am bliadhna, às dèidh dhaibh crìochnachadh co-ionnan anns a h-uile geama a bh' aca thuige seo.

B'e Lewis Tawse a fhuair an tadhal cudromach dhaibh is iad a' glèidheadh 1-0 ann an Ceann a' Ghiuthsaich.

Co-ionnan

Sa gheama eile sa Phrìomh Lìog chrìochnaich Gleann Urachadain is An Gearasdan aig 2-2.

Ann an Lìog Tuath 1 chaill Camanachd an Eilein Sgitheanaich 1-0 aig an taigh an aghaidh na Manachain.

Bha geamaichean gu leòr ann an Cupa an t-Sutharlanaich is abair gun robh na tadhail a' frasadh a-staigh aig a' Bhucht, far an do rinn Lòbhat a' chuis air Inbhir Nis 12-1.

Thàinig sin seachdain às dèidh dhan chiad sgioba aig Lòbhat buannachadh 11-0 an aghaidh Inbhir Nis.

23-1 thairis air an dà gheama - tha fios nach bi Inbhir Nis ag iarraidh balaich Chill Tharghlain fhaicinn a-rithist fad tacan.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh